Binn prìosain air fear a bha an sàs ann an reic dhrugaichean air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Chaidh binn còig bliadhna sa phrìosan a chur air fear a bha an sàs ann an reic dhrugaichean air a' Ghàidhealtachd.
Fhuaireadh Jason MacAoidh ciontach air casaidean gun tug e taic do neach a bha a' giùlan cocain luach suas ri £300,000.
Chuala an Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann gun robh MacAoidh air a bhith an sàs ann an eucoir airson faisg air fichead bliadhna, agus gun deach fhaighinn ciontach roimhe air casaidean gun robh e a' reic dhrugaichean den chlas A.
Thuirt am Morair Summers, a bha a' bruidhinn ri MacAoidh a bh' anns a' phrìosan tro cheangal bhideo, gun robh drugaichean den t-seòrsa seo a' dèanamh sgrios do-labhairt air coimhearsnachdan.
Thugadh binn ceithir bliadhna gu leth sa phrìosan do Jason MacAoidh, a tha 37, còmhla ri sia mìosan a bharrachd leis nach do nochd e anns a' chùirt aig èisteachd eile.
Bha MacAoidh roimhe air aideachadh gun robh e an sàs ann an cocain a reic ann an Alanais san t-Sultain 2020 agus air an A9 faisg air Dail Mac Gearraidh am measg eile.
Chaidh MacAoidh a ghlacadh mar thoradh air iomairt a bha air a ruith leis na poilis a a bha a' dèanamh sgrùdaidh air gràisg-eucoir.
Fhuair oifigearan greim air fòn-làimhe air an robh teachdaireachdan eadar MacAoidh agus fear a bha a' giùlan nan drugaichean.