Binn prìosain air boireannach a mharbh duine an tubaist air an A9

Anndra Mac a' PhearsainTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Anndra Mac a' Phearsain

  • Air fhoillseachadh

Chaidh binn prìosain 14 mìosan air boireannach à Sìona a mharbh fear-motor-baidhseagail ann an tubaist air an A9 san Ògmhios.

Bha Die Huang, 51, a' draibheadh air an taobh cheàrr den rathad nuair a bhuail i sa mhotor-bhaig aig Anndra Mac a' Phearsain, 63.

Chuala an àrd-chùirt ann an Dùn Èideann gun robh Mgr Mac a' Phearsain, à Wisbech ann an Cambridgeshire, a' siubhail gu ceann a tuath na h-Alba gus an NC500 a dhèanamh nuair a bhuail càr ann.

Bhàsaich e aig làrach na tubaiste faisg air Cail Mhinn ann an Siorrachd Pheairt.

Chuala a' chùirt gun robh Die Huang air a bhith a' tadhal air a mic ann an Lunnainn is nach robh eòlas aice air draibheadh air rathaidean Bhreatainn.

Dh'aidich i mar-thà gun do dh'abhraich i bàs le a bhith a' draibheadh gu cunnartach.

Thuirt fear-lagha Die Huang nach do thuig i nach robh i air pàirt den rathad nach robh dà-fhìllte nuair a thachair an tubaist is gu bheil aithreachas uabhasach oirre.

Chaidh binn prìosan 14 mìosan is casg draibhidh còig bliadhna is seachd mìosan oirre.