"Nì sinn a' chùis ach tha sinn a' dol ga ionndrainn"
- Air fhoillseachadh
Tha Aonghas MacLeòid agus a chèile, Cathy, am measg nam mìltean de dhaoine sa Rìoghachd Aonaichte a chaill Sochair Connaidh a' Gheamhraidh.
'S e taic-airgid a bha sin don a h-uile peinnseanair airson coinneachadh ris na cunntasan cumhachd aca tro na mìosan as fhuaire den bhliadhna, ach dh'atharraich an riaghaltas ùr Làbarach am poileasaidh.
Cha tèid am pàigheadh a-nis a thoirt seachad ach don fheadhainn as miosa dheth.
"Chan fhaigh sinne am-bliadhna e," mhìnich Aonghas,"tha sinn fèir beagan fos cionn an threshold mar a chanas iad."
Chaidh sinn a bhruidhinn ri Aonghas agus Cathy nan dachaigh ann an Tolastadh a' Chaolais air Taobh Siar Leòdhais.
Tha teine mòr a' dol san t-seòmar-suidhe. A bharrachd air gual feumaidh iad pàigheadh airson ola, gas agus dealain.
Tha Aonghas ag ràdh gu bheil prìsean airson a h-uile càil a' sìor èirigh.
'S iongantach mura bi an t-àrdachadh 1.2% air cuibhreachadh nam prìsean cumhachd aig toiseach 2025 a dh'ainmich Ofgem a' cur uallaich a bharrachd air a' chàraid.
"Feumaidh sinn gearraidhean a dhèanamh. Cha bhi sinn a' cur an teine ann an seo air cho tràth den latha, agus cha bhi sinn a' cur an teasachaidh air cho tràth agus a tha e a' dol dheth nas tràithe air an oidhche.
"Tha mi a' dol dhan leabaidh nas tràithe," thuirt e le gàire.
A bharrachd air gearradh air ais air na tha iad a' cleachdadh de chonnadh agus de chumhachd, tha Aonghas ag ràdh nach eil iad a' falbh air làithean-saora mar a chleachd iad.
Aig a' cheart àm tha e ag aithneachadh gu bheil cuid ann a tha nas miosa dheth.
"An seo sna h-Eileanan Siar, tha bochdainn connaidh oirnn nas miosa na ann àn àite eile sa rìoghachd agus tha buaidh mhòr gu bhith aige air an t-sluagh.
"Tha feadhainn ann nas bochda na tha sinne a tha gu math feumach air.
"Nì sinn a' chùis ach tha sinn a' dol ga ionndrainn," thuirt e.
Dh'innis Aonghas dhuinn gun do chuir e coinneamh air dòigh le Seirbheis Comhairleachaidh a' Phobaill ann an Steòrnabhagh gus am faigh e stiùireadh mu na sochairean eile air am faodadh iad a bhith airidh.
Tha e cuideachd ag iarraidh gun lean Riaghaltas na h-Alba le Sochair Connaidh a' Gheamhraidh ged a tha iadsan ag ràdh gum feum iad atharrachadh ri linn 's mar a rinn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
'S e an teachdaireachd aige do na ministearan ann an Westminster gun toir iad sùil às ùr air an sgeama gus am bi e nas cothromaiche: "Tha mi a' smaoineachadh gun robh iad gu math dall.
"'S e a' chiad rud a rinn iad nuair a fhuair iad a-steach agus bha sin gu math ceàrr.
"Bha mi gu math diombach airson sin.
"Mar a bha Sir Keir Starmer ag ràdh, 'the ones with the broadest shoulders will carry the burden', ach cha b' ann mar sin a chaidh e."