Ùidh sa choimhearsnachd oighreachd Ùig' is Thamnabhaigh a cheannach
- Air fhoillseachadh
Tha ùidh aig muinntir sgìre Ùig' ann an Leòdhas, Oighreachd Ùig' agus Thamnabhaigh a cheannach ma nochdas cothrom a leithid a dhèanamh.
Chùm Urras Leasachaidh na sgìre coinneamh oidhche Chiadain airson beachdachadh air a' chùis.
A dh'aindeoin na h-amisire geamhradail nochd 72 duine aig a' choinneimh uile gu lèir, eadar iadsan a bha an làthair agus feadhainn a bh' air ceangal bhidio.
'S ann ag amas air ùidh a chlàradh gu h-oifigeil ann a bhith a' ceannach na h-oighreachd nan deadh a cur air a' mhargaidh a tha an t-Urras Leasachaidh - rud a bheireadh a' chiad chothrom don choimhearsnachd.
'S ann leis an fhear-ghnothaich Iain Scarr-Hall a tha an oighreachd an-dràsta.
'S ann leis a tha oighreachdan eile san sgìre cuideachd, agus bha e roimhe na uachdaran air ceann a tuath na Hearadh.
"Chan eil sinn a' feumachdainn ach 10% de luchd-còmhnaidh làn-ùine Sgìr' Ùig' airson ùidh a chlàradh," thuirt Iain Bochanan, a tha a' fuireach san sgìre.
"Cha leigeadh sinn a leas ach timcheall air 30 duine, 's bha tòrr mòr a bharrachd air sin againn.
"Dh'iarr sinn air daoine an làmhan a thogail, agus thog a h-uile duine a bha san rùm agus air an Zoom làmh airson taic a thoirt dhan seo.
"Bha sinn eagalach riaraichte le mar a chaidh an oidhche. Bha e math dha-rìribh," thuirt e.