Sgeama bhanaichean-campachaidh airson goireasan turasachd

- Air fhoillseachadh
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd sgeama air chois Diluain a tha a' brosnachadh luchd-turais ann am bhanaichean-campachaidh airgead a thoirt seachad airson leasachadh a thoirt air goireasan turasachd.
Fon sgeama thèid iarraidh air luchd-tadhail cairt-chead a sheasas seachd là a cheannach airson £40.
Leis a' chairt bidh cead aca fuireach an oidhche ann an cuid de phàircean-chàraichean na comhairle agus na goireasan aig ionadan High Life Highland a chleachdadh.
Thèid an t-airgead a thogas an sgeama a chosg air bun-structar a leasachadh mar thaighean-beaga poblach agus làraichean far am faigh bhanaichean-campachaidh cuidhteas uisge salach.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur ann airson luchd-siubhail le mothachadh don àite air a bheil iad a' tadhal a tha an sgeama.
Tha dùil gur e a' chiad sgeama de a sheòrsa san Rìoghachd Aonaichte.