Cead airson factaraidh chàballan

Neig
  • Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean Gàidhealach cead do phlana gus factaraidh chàballan a thogail a dh'fhaodadh 170 cosnadh a chruthachadh.

Tha a' chompanaidh Iapanach Sumitomo Electric air cùl nam planaichean airson Neig air Taobh Sear Rois.

'S e amas a' phròiseict càballan a dhèanamh airson cumhachd bho thuathan-gaoithe aig muir a cheangal ris a' Ghriod Nàiseanta.

Chuir comataidh aig Comhairle na Gàidhealtachd taic ris a' phlana aig coinneimh Diciadain.