Dàil air plana port-fànais a thogail ann an Dùthaich MhicAoidh
- Air fhoillseachadh
Tha companaidh rocaid a' cur dàil an obair-togail port-fànais an Dhùthaich MhicAoidh gus prìomhachas a thoirt don ionad a th' aca ann an Sealtainn.
Dhearbh Orbex gum biodh iad a-nis ag amas air na ciad rocaidean aca a chur chun nan speuran à Port-fànais SaxaVord.
Thuirt a' chompanaidh, a tha stèidhichte ann am Farrais am Moireibh, gum biodh iad a' cumail a' chùmhnant màil a th' aca airson na làraich an Dùthaich MhicAoidh agus gur dòcha gun dèanadh iad leasachadh an sin fhathast.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE), a th' air na milleanan notaichean de mhaoineachadh a thoirt don phròiseact, ag ràdh gur e fìor bhriseadh-duil dhaibh a th' anns a' cho-dhùnadh.
Chaidh cead a thoirt do Phort-fànais Dhùthaich MhicAoidh san t-Samhain 2020 agus thòisich obair air an làraich an-uiridh.
Thuirt àrd-oifigear Orbex, Phil Chambers: "Ged a tha sin ag aithneachadh gu bheil an naidheachd seo a' ciallachadh gu bheil sin a' cur dàil san obair togail an Dùthaich MhicAoidh, bidh sinn fhathast an ceann a tuath na h-Alba aig an làraich againn ann am Farrais agus tha fiughar againn ri bhith a' leasachadh nan goireasan againn ann an SaxaVord ann an Sealtainn cuideachd."
Tha Port-fànais SaxaVord aig ìre nas adhartaiche, agus tha mu thràth deuchainnean einnsein a' dol air adhart ann. Tha dùil gun tèid rocaidean a chur suas às ann an 2025.
Thuirt Orbex gum biodh iad iad a-nis ag obair air carbadan losgaidh a leasachadh agus na seirbheisean a dh'fheumar an cois sin, ach gun cumadh iad ris an aonta port-fànais a thogail ann an Dùthaich MhicAoidh agus gum biodh am plana seo "fo ath-sgrùdadh cunbhalach".
"Tha an co-dhùnadh seo a' ciallachadh gun tèid againn air a' chiad rocaid a chur suas ann an 2025 agus SaxaVord a neartachadh mar làrach choimeirsealta," thuirt Mgr Chalmers.
Thuirt àrd-oifigear Port-fànais SaxaVord, Frank Strang: "Le cho àrd-amasach agus a tha na planaichean aig Orbex tha e a' dèanamh ciall gun tòisich an obair aca ann am Port-fànais SaxaVord aig a bheil cead cheanna agus a tha ann an suidheachadh taic a chumail ris na planaichean aca rocaidean a chur chun nan speuran."
Mì-chinnt
Tha riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba le chèile air na milleanan mòra a thoirt seachad airson port-fànais Dhùthaich MhicAoidh a leasachadh.
Thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £2.5m do HIE tro Bhuidheann Fànais na RA ann an 2018 airson an làrach a leasachadh, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus HIE còmhla air faisg air £9m de thaic-airgid a thoirt don phròiseact.
Ann am brath sgrìobhte, thuirt Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean: "Tha sinn airson teachdaireachd gu math soilleir a thoirt do mhuinntir cheann a tuath Chataibh gur e briseadh-dùil mòr a th' anns an naidheachd seo.
"Tha Orbex air an cùrsa atharrachadh ris nach robh dùil."
Thuirt iad: "Feumaidh sinn cuimhneachadh gur e companaidh chudromach a th' annta ann an roinn na fànais sa Rìoghachd Aonaichte agus gu bheil iad a' cumail cosnaidh ri 150 duine le dreuchdan sgileil aig Pàirc Gnìomhachais Fharrais far a bheil dùil aca fàs a thoirt.
"Tha e a' sealltainn cho làidir 's a tha roinn fànais sgìreil gu bheil rocaidean adhartach gu bhith air an togail agus an losgadh à làraichean air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, agus cuiridh an co-dhùnadh seo ri seasamh coimeirsealta Port-fànais SaxaVord.
"Rud nach eil buileach cho soilleir 's e a' bhuaidh a bhios aig co-dhùnadh Orbex air Cataibh."
Tha am fear as beartaiche an Alba, Anders Holch Povlsen, agus a bhean Anne, air cur an aghaidh nam planaichean airson port-fànais an Dhùthaich MhicAoidh.
Tha talamh faisg air làimh aca agus bha iad le dragh mun bhuaidh a bheireadh an leasachadh air àrainneachd a th' air a dìon.
Chuir a' chompanaidh aca, Wildland Earranta, £1.5m ri pròiseact Shealtainn, agus aig a' cheart àm thog iad cùis-lagha an aghaidh a' chead dealbhachaidh a thug Comhairle na Gàidhealtachd do phort-fànais Dhùthaich MhicAoidh.
Ge-tà, thuirt britheamh ann an 2021 nach robh e den bheachd gun do rinn an t-ùghdarras ionadail càil mì-laghail.
Ged a tha am pròiseact ann an Sealtainn nas fhaide air adhart na làrach Dhùthaich MhicAoidh, chan eil e air a bhith às aonais a thrioblaidean fhèin.
San Lùnastal, spreadh einnsean rocaid nuair a bha deuchainnean losgaidh a' dol ann an SaxaVord.
Thuirt RFA, a' chompanaidh Ghearmailteach a rinn an rocaid agus ris an robh na deuchainnean an urra, gun do rinn an spreadhadh milleadh air bun-structar an raoin-itealachaidh.
Mar thoradh air sin, thuirt RFA gum biodh aca ri dàil a chur sa phlana aca a' chiad rocaid dhìreach a chur chun nan speuran às an Rìoghachd Aonaichte.