Urram Makar na h-Alba do Phàdraig MacAoidh
- Air fhoillseachadh
Chaidh Pàdraig MacAoidh ainmeachadh mar Makar no Bàrd Nàiseanta na h-Alba.
'S e Mgr MacAoidh, à Leòdhas, a' chiad bhàrd le Gàidhlig a fhuair an t-urram.
Chaidh dreuchd Makar na h-Alba a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba ann an 2004 le dleastanas "bàrdachd na h-Alba a riochdachadh gu poblach agus bàrdachd a bhrosnachadh".
'S e Edwin Morgan a' chiad duine a bha san dreuchd eadar 2004 is 2010.
Bhon uairsin bha an t-urram air Liz Lochhead eadar 2011 is 2016, air Jackie Kay eadar 2016 is 2021, is Kathleen Jamie bho 2021.
Tha pannal de dh'eòlaichean a-nise air Pàdraig MacAoidh a thaghadh air teirm trì bliadhna.
Tha Pàdraig, a tha an-diugh a' fuireach ann an Dùn Èideann, air a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd bho bha e glè òg.
Tha e air dà leabhar bàrdachd is pamflaid fhoillseachadh gu seo.
Thuirt e gu bheil e air a dhòigh a bhith air ainmeachadh mar Makar na h-Alba, ged nach robh dùil aige ris.
"Nuair a chuala mi an naidheachd bha iongnadh mòr orm.
"Mar a thuigeadh tu 's e urram cho mòr a th' ann.
"Tha na bàird a th' air a bhith san obair seo romham, tha iad cho math is tha e sònraichte dhomh a bhith a' leantainn anns na ceumannan sin'".
'S e clach-mhìle a th' ann gu bheil bàrd Gàidhlig air urram Makar na h-Alba fhaighinn.
'S e rud a tha sin nach do thachair gu seo, ged a bha grunn dhaoine air moladh roimhe gum bu chòir do dh'Aonghas Dubh MacNeacail nach maireann a bhith san obair.
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gur e ceum "eachdraidheil" a th' ann.
"Tha seo mar shamhla air mar a tha Riaghaltas na h-Alba airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' cumail taic ris a' Ghàidhlig, a tha cho prìseil ann am fèin-aithne na h-Alba agus na pàirt den dòchas a th' againn san àm ri teachd," thuirt Mgr Swinney.
Thuirt Pàdraig fhèin gu bheil e an dòchas a' Ghàidhlig a chleachdadh mar "dhrochaid" gus ceanglaichean a stèidheachadh eadar na cànanan eile a thathar a' bruidhinn ann an Alba, is e ag ràdh gu bheil e airson còmhradh, spòrs is deasbad a phiobrachadh.
Is tha fadachd air tòiseachadh.
"Tha faireachdainn gu tur eadar-dhealaichte dhomhsa eadar Makar - facal à Albais a tha a' ciallachadh cuideigin a tha a' dèanamh, cuideigin a tha an sàs ann a bhith a' cruthachadh rudan - agus chan e dìreach laureation, far a bheil thu dìreach a' faighinn urraim.
"Tha feum agam air rudan a dhèanamh san dreuchd is tha sin cho cudromach".