"Adhartas mòr" aig an Rest is dreach-òrdughan air am foillseachadh

Fuasgladh san ùine fhadaTùs an deilbh, Còmhdhail Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air dreach-òrdughan fhoillseachadh airson leasachaidhean a tha iad an dùil a dhèanamh aig an Rest and Be Thankful is iad ag ràdh gur e "adhartas mòr" a tha seo.

Bidh sreath de thaisbeanaidhean poblach aca ann an Earra-Ghàidheal san Fhaoilleach airson am fiosrachadh a sgaoileadh is taisbeanadh air-loidhne cuideachd ann.

Tha na h-òrdughan a' sealltainn nam planaichean airson fuasgladh san ùine fhada le fasgaidhean a stèidheachadh thairis air an A83, agus planaichean a bhiodh ann ron sin a dhèanadh leasachaidhean eile air an t-slighe èiginn, Seann Rathad an Airm.

Tha na dreach-òrdughan a' mìneachadh na h-obrach agus ag innse mu na pìosan fearainn a dh'fheumas an Riaghaltas a cheannach airson na leasachaidhean a dhèanamh, agus measadh air a' bhuaidh air an àrainneachd.

Faodair coimhead orra an seo, taobh a-muigh.

Cha ghabh am post YouTube seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air YouTube
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Leum thairis air bhideo youtube le WSP UK

Cead do stuth YouTube?

Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Deireadh bhideo youtube le WSP UK

"Coltach ri coimhearsnachdan is gnothachasan, tha sinn gu math mothachail air cho cudromach 's a tha e gun tèid an ceangal deatamach seo a leasachadh is 's e sin as coireach gu bheil sinn a' cur air adhart phlanaichean gus fuasgladh maireannach fhaighinn," thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop.

"Aig an dearbh àm tha sinn a' leantainn le Seann Rathad an Airm a leasachadh. "Chuir sinn crìoch air a' chiad phàirt den phròiseact sin na bu tràithe am-bliadhna is tha sinn an dùil gun tòisich an ath-phìos ann an 2025.

"Dh'iarrainn air duine sam bith le ùidh san obair a dhol dha na taisbeanaidhean poblach air neo sùil a thoirt air an taisbeanadh air-loidhne gus barrachd fhiosrachaidh fhaighinn," thuirt i.

Cha ghabh am post YouTube seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air YouTube
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Leum thairis air bhideo youtube 2 le WSP UK

Cead do stuth YouTube?

Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Deireadh bhideo youtube 2 le WSP UK

Bidh na taisbeanaidhean poblach aig toiseach 2025 mar a leanas:

  • Diciadain 15/01 an Talla Bhictoria an Ceann Loch Chille Chiarain eadar 1fis 7f

  • Diardaoin 16/01 an Cluba Bobhlaidh Cheann Loch Gilb eadar 1f is 7f

  • Dihaoine 17/01 an Talla Baile Cheann Loch Goil eadar 1f is 6f

  • Diluain 20/01 an Talla na Banrigh an Dùn Omhain eadar 1f is 7f

  • Dimàirt 21/01 an Talla nan Trì Bailtean san Àrchar eadar 1f is 7f

Tha an taisbeanadh air-loidhne, taobh a-muigh beò mar-thà.