Riaghailtean ùra mu stòbhaichean nan adhbhar buairidh

StòbhaTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Tha buaireadh ann mu chasg air stòbhaichean a tha a' losgadh fiodha agus mònadh ann an Alba.

Thàinig lagh ùr gu bith aig toiseach na mìos a tha a' toirmeasg a' mhòr-chuid de stòbhaichean fiodha agus boidhlearan gas is ola ann an taighean ùra.

Tha teasachadh dhachannan agus togalaichean a' cur an còigeamh cuid ri eimiseinean carboin na h-Alba ach tha mì-chinnt agus mì-thoileachas ann mu na riaghiltean ùra, gu h-àraid sna sgìrean iomallach.

"Tha mi a' smaointinn nach eil e a' dèanamh an t-uamhas ciall gu bheil iad air seo a ràdh," thuirt Pàdruig Moireasdan bho Chaidreachas Croitreachd na h-Alba.

"Leis gu bheil an dealan cho sgràthail fhèin daor anns na h-Eileanan, air Ghàidhealtachd, gu bheil bochdainn connaidh cho uamhasach fhèin dona - gu h-àraidh sna h-Eileanan an Iar, an Arcaibh agus ann an Sealtainn, tha e nas miosa na àite sam bith eile san Rìoghachd.

"Agus a bharrachd air sin, air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, tha sinn a' cruthachadh an-uiridh, no a' bhòn-uiridh, b' e barrachd na 400% a chruthaich sinne de dhealan uaine, a tha an uair sin ga chur air falbh, agus tha sinn ga cheannach air ais airson prìs fada fada nas àirde anns an àite sa bheil e ga chruthachadh na tha iad a' pàigheadh shìos anns na bailtean agus ann an Lunnainn.

"Mar sin, tha suidheachadh an dealain gu tur ceàrr againn, agus 's e rud a tha a' dèanamh rudan beagan nas fheàrr dha croitearan agus dha na sgìrean croite, 's e gun urrainn dhuinn mòine a bhuain agus a losgadh.

"Tha sin a' cuideachadh an t-uamhas a th' ann am bochdainn connaidh, no a tha a' fulang le prìs an dealain.

"Agus mar sin chan urrainn dhan Riaghaltas a bhith ag ràdh gu bheil iad airson freagairt no fuasgladh a thoirt air bochdainn connaidh agus duilgheadasan le prìsean agus an uair sin a bhith a' casg air daoine a bhith a' losgadh mòine no sìon sam bith ann an stòbha," thuirt e.

Duilgheadasan

Tha dragh air Mgr Moireasdan gun cuir na riaghailtean ùra ris na duilgheadasan a tha mu choinneimh dhaoine a bhith a' togail thaighean ùra ann an sgìrean dùthchail is croitearachd.

"Tha mi a' smaointinn, air iomadh adhbhar, gun cuireadh e daoine dheth," thuirt e.

"Do mhòran, agus mar a tha cuid de chompanaidhean ailtireachd is rudan mar seo air a bhith ag ràdh san là mu dheireadh, tha na similearan mar phàirt de na taighean a th' againne, agus ma tha sin air taighean 's e similearan fuadain a bhios annta, thoradh cha bhiodh stòbha annta.

"Tha mi a' smaointinn cuideachd cuiridh e daoine dheth thoradh 's e pìos math de chleachdaidhean croite an là an-dè agus an là an-diugh a th' ann a bhith a' buain na mònadh, agus tha e a' cuideachadh gu mòr a thaobh a bhith a' teasachadh nan taighean.

"Tha an t-uamhas airgid air a chur a-steach gu taighean ùra croite, agus tric gu leòr chan eil e uile air a chosg leis gu bheil e doirbh gu leòr faighinn thuige, agus tha mi a' smaointinn seo agad rud eile a bhiodh na bhriseadh-dùil do mhòran airson nam feumalachdan a gheibheamaid a-mach à taighean ùra air croitean.

Ionadail

"Tha mi a' smaointinn, an aon rud nach eil buileach cho dubhach - ged a thàinig seo mar chlach às an adhar - 's e gu bheil seann taighean far a bheil teintean againn is stòbhaichean againn, tha iad sin ceart gu leòr ... agus tha e taghta a bhith a' cumail oirnn a bhith a' buain na mònadh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil iad, tha mi a' creidsinn ann am bliadhnaichean ri thighinn, gu bhith ga dhèanamh beagan nas duilghe 's dòcha a bhith a' faighinn air falbh le bhith a' buain na mònadh, ach bhiodh e uamhasach uamhasach doirbh dhaibh stad a chur air uile gu lèir le daoine a bhios dìreach ga buain leis an treisgeir anns an t-seann dòigh, ga buain le na làmhan aca.

"Agus an uair sin, tha an connadh a tha siudach, chan eil e ach tighinn ach mu mhìle on taigh seach connadh eile, gas no gual, a tha a' tighinn mìltean thar mhìltean, feumach air an t-uamhas bun-structair no siubhail airson fhaighinn ann an seo," thuirt e.

Thuirt Righaltas na h-Alba gun deach co-chomhairle fharsaing a dhèanamh air seo agus gun do chuir a' mhòr-cuid taic ris.

Thuirt iad cuideachd gum faod stòbhaichean a bhith ann an taighean ùra cho fad 's nach tèid an cleachdadh ach ann an èiginn.