A9 fosgailte às ùr às dèidh tubaist

- Air fhoillseachadh
Chaidh rathad an A9 faisg air Alanais fhosgladh às ùr mu 08:30m Dimàirt às dèidh tubaist rathaid.
Bha gach slighe den rathad dùinte às dèidh na tubaist nas tràithe air a' mhadainn is chaidh iarraidh air dràibhearan slighe eile a ghabhail.
Bha dà charbad san tubaist.
Chan eil an còrr fiosrachaidh ann aig an ìre seo.