Alba gus tilleadh dhan àrd-ùrlar as motha am ball-coise?

Craig Brown is luchd-taic na h-Alba aig Cupa na Cruinne ann an 1998
- Air fhoillseachadh
Bidh cuid a' faireachdainn nach eil cho fada sin air a bhith ann bho 1998.
Bliadhna a chunnaic cruth DVD a' nochdadh ann am Breatainn airson a' chiad turas, toiseach linn Google, agus deireadh linn Father Ted.
Bliadhna far an robh leithid Rivaldo, Ronaldo, Roberto Carlos agus Cafu an lùib sgioba chliùteach Braisil aig Cupa na Cruinne - le seòid na h-Alba air an aon phàirc riutha.
Sin an turas mu dheireadh a chunnaicear sgioba nàiseanta fhireannach na h-Alba an lùib chuairtean deireannach na farpais.
Bhon uairsin, chan eil sgeul air a bhith air an Arm Thartan, na fèilidhean, no laoidh nàiseanta na h-Alba.
Tha sia farpaisean air a bhith ann bho bha Alba an sàs aig Cupa na Cruinne mu dheireadh.
Tha 61 dùthaich air a bhith an sàs aig prìomh fharpais ball-coise an t-saoghail san ùine sin.

Bidh Alba às aonais Billy Gilmour sa Ghrèig
A nise ge-tà, chan eil ach dà gheama eadar Alba, agus àite nam measg aig farpais na h-ath-bhliadhna.
Coltach ri cha mhòr gach geama eile aig Alba, dùbhlain a bhios annta.
Turas gu Piraues far am feum iad co-dhiù aona phuing a thogail an aghaidh sgioba na Grèige, gus an cothrom a thoirt dhaibh àite aig na cuairtean deireannach a ghlèidheadh le trì puingean an aghaidh na Danmhairg.
Tha an sgioba air a bhith san Tuirc an t-seachdain seo gus ullachadh airson nan geamannan sa bhlàths - agus leis an t-sìde a th' air a bhith aig an taigh, 's beag an t-iongnadh.
Mar as àbhaist nuair a tha geamannan mòra ann do dh'Alba, tha cluicheadairean gu bhith a dhìth.
Fhuair sinn an naidheachd nach bi sgeul air Billy Gilmour, Lennon Miller agus Ross McCrorie anns a Ghrèig.
Le bhith ag innse na fìrinn ge-tà, 's e Gilmour an aon fhear a-mach às an triùir sin a bhiodh daoine a sùileachadh a' thòisicheadh an geama ann am Piraeus.
Call mòr a tha sin cuideachd, gu h-àraid às dèidh mar a ghabh e smachd air meadhan na pàirce an aghaidh nan Grèigeach nuair a thàinig e far na beinge.
Tha cothrom ann gun till e airson geama na Danmhairg, bidh e fhèin an dòchas gum bi cothrom fhathast aig Alba adhartas a dhèanamh mun àm a thig oidhche Mhàirt.

Lyndon Dykes is Scott McTominay air an dòigh is Alba air an gnothach a dhèanamh air a' Ghrèig aig Hampden
Chan eil cothrom tuilleadh aig na Grèigich air Cupa na Cruinne a ruighinn - cha mhòr nach do theirg an cothrom sin orra aig Hampden air a' mhìos a chàidh.
Chaill iad 3-1 air an oidhche sin, ann an geama a bhathar a' faireachdainn, a bu chòir dhaibh buannachadh.
Le sin, dh'fhaodadh sgioba Ivan Jovanovic a bhith a' sireadh beagan dìoghaltais - agus tha a h-uile cothrom aca air sin fhaighinn.
Bidh an aon loidhne aghaidh 's a th' air maill adhbharrachadh do dh'Alba roimhe, air a' phàirc a-rithist.
Tha ochd tadhail aig Christos Tzolis le Club Brugge, agus deich aig Vangelis Pavlidis do Benfica mar thà air an t-seusan seo.
Le sin, tha a h-uile cothrom ann gum bi Craig Gordon air a chumail trang - ma 's e a thèid a thaghadh eadar na puist.
Chan e an dùbhlan air am beulaibh air a' phàirc san dà gheama an aona thrioblaid ge-tà.
Tha cuideachd an t-uallach a dh'fhaodadh a bhith air na cluicheadairean, ri linn 's na tha a' crochadh air na geamannan.

Briseadh-dùil do Steve Clarke is Alba aig Euro 2024
Tha luchd-taic na h-Alba ro eòlach air briseadh-dùil, às dèidh sùileachadh gun tèid gu math don sgioba nàiseanta ann an geamannan mòra.
Bha am play-off mu dheireadh airson Cupa na Cruinne an aghaidh na h-Ucràin, agus an geama a chaill iad aig Euro 2024 ann an Stuttgart an aghaidh na h-Ungaire nan deagh eisimplearan den sin.
San dà gheama seo, bidh neart inntinn nan cluicheadairean a cheart cho cudromach ri neart an cuid bhodhaigean.
Tha Alba air sealltainn anns na mìosan, agus na bliadhnaichean a dh'fhalbh, gu bheilear comasach air an dà gheama seo a bhuannachadh.
Tha iad air a' chùis a dhèanamh air a' Ghrèig dà thuras mar thà am-bliadhna - le aon de na geamannan sin ann am Piraeus cuideachd.
Tha iad cuideachd air a' chùis a dhèanamh air an Danmhairg aig Hampden - ged a tha ceithir bliadhna ann bhon uairsin.
Chan eil iad ach air aon a-mach às na còig geamannan mu dheireadh aca a chall nan aghaidh ge-tà.
Mura tèid cùisean mar a mhiannaicheadh Steve Clarke, na cluicheadairean no an luchd-taic thairis air an dà gheama, tha cothrom aig Alba fhathast air faighinn gu Cupa na Cruinne tro shlighe nan geamannan play-off.
Cha bhi mòran a' cur cus suim annta sin aig an ìre seo ge-tà, agus an dòchas ann gun tig 27 bliadhna de dh'fheitheamh gu ceann ann am beagan làithean, agus gun glèidh sgioba nàiseanta fhireannach na h-Alba an t-àite aca air an àrd-ùrlar as motha.
Cluinnear na geamaichean Disathairne is Dimàirt beò air BBC Radio nan Gàidheal, na prògraman ri chèile a' tòiseachadh aig 7:00f.