Chrìochnaich Lòbhat is Cabar Fèidh co-ionnan 3-3 ann an am Prìomh Lìog na h-iomain oidhche Mhàirt.
Bha na sgiobaidhean a' coinneachadh às ùr is a' chiad gheama bho chionn seachdain air a chur dheth is Cameron Mac a' Mhaolein air a ghoirteachadh.
Bha Lòbhat air thoiseach 2-0 nuair a thachair sin is bha iad ann an suidheachadh làidir a-rithist oidhche Mhàirt is iad a' buannachadh 3-1 gun ach 20 mionaid air làidir, na tadhail aca a' tighinn bho Marc MacLachlain, Greg MacMhathain is Donnchadh Davidson.
Air ais gun tàinig Cabers ge-tà, Blair Moireasdan leis an dàrna tadhal aige den oidhche is Ben Dòmhnallach an uairsin a' sàbhaladh puing dhaibh anns na mionaidean mu dheireadh.
Tha Lòbhat a-nise suas dhan ochdhamh àite san lìog, taobh a-muigh is Cabar Fèidh fhathast sa chòigeamh àite.