Dragh gun tèid a' chiad Phàirce Hampden a challair fhoillseachadh aig 17:22 GMT 22 An t-Samhain
17:22 GMT 22 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Nochd uallach am measg chuid gum faodadh gun tèid làrach a' chiad Phàirce Hampden ann an Glaschu a chall.
Tha dùil gun dùin an cluba bobhlaigh a th' oirre an-dràsta an ath bhliadhn'.
Bidh i an uair sin a' dol chun na buidhne a bhios a' dèiligeadh ri talamh do Chomhairle Baile Ghlaschu, gun fhios cò dh'fhaodadh a ceannach.
Am beachd cuid, tha i seo ro chudromach do dh'eachdraidh a' bhuill-choise, airson a call.
"Seachdain eachdraidheil ann am ball-coise na h-Alba!"air fhoillseachadh aig 11:30 GMT 22 An t-Samhain
11:30 GMT 22 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Iain Moireasdan agus an sgioba a' coimhead air ais air a' gheama a dhearbh gum biodh sgioba ball-coise na h-Alba aig Cupa na Cruinne an ath-bhliadhna. Sùil air adhart ri geamannan ball-coise na deireadh-seachdain aig sgiobaidhean nam fear agus nam ban anns na prìomh lìogan. Tha sgioba rugbaidh na h-Alba an aghaidh Tonga san gheama mu dheireadh de dheuchainnean an Fhoghair agus bheir sinn sùil air ais air an iomairt gu ruige seo agus cluinnidh sinn mu fharpais criogaid na h-Ashes.
MacRath a' fuireach aig an stiùir an Rèaraigair fhoillseachadh aig 17:03 GMT 20 An t-Samhain
17:03 GMT 20 An t-Samhain
Ged a tha seusan ùr na h-iomain pìos air falbh tha an t-ullachadh a' dol mar-tha is tha Ceann Loch Seile a-nise air dearbhadh gum fuirich Willie MacRath ann an dreuchd a' mhanaidseir 'son 2026.
Thuirt an cluba gu bheil aonta aca 'son seusan eile le cothrom dà bhliadhna a chur ris ma tha iad fhèin is an sgioba choidsidh ri chèile riaraichte.
Còmhla ri MacRath bidh leas-choidse ùr ann an Scotty Ceannadach, a bha iomadh bliadhna na chluicheadair aig a' chluba.
Bha seusan rudeigin measgaichte aig Seile ann an 2025 is iad a' crìochnachadh san 7mh àite sa Phrìom Lìog is iad aig aon àm ann am beagan de staing sìos faisg air a' bhonn.
'S iad ge-tà an aon sgioba a rinn an gnothach air Ceann a' Ghiùthsaich ann an geama lìge fad na bliadhna.
Òigridh air an dòigh le sgioba na h-Albaair fhoillseachadh aig 16:54 GMT 19 An t-Samhain
16:54 GMT 19 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha soirbheachas sgioba na h-Alba air togail a thoirt do dhaoine air feadh na dùthcha - na sgoilearan seo ann an Inbhir Nis nam measg.
Sgioba BBC RnanG a' dol às an ciall!air fhoillseachadh aig 15:06 GMT 19 An t-Samhain
15:06 GMT 19 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Sgioba Aithris BBC RnG a' dèanamh gàirdeachas aig Hampden!
'S e oidhche air leth a bh' ann aig Hampden Dimàirt agus Alba a' dèanamh a' ghnothaich air An Danmhairg 4-2.
Cha b' ann dhan luchd-amhairc a-mhàin ach dhan luchd-aithris cuideachd!
Na tadhail a chuir Alba gu Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 12:51 GMT 19 An t-Samhain
12:51 GMT 19 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
An d'fhuair sibh seachad air fhathast?
Agus saoil an d'fhuair Alasdair MacIllinnein a ghuth air ais?
Seo mar a dh'aithris BBC Radio nan Gàidheal na ceithir tadhail aig Alba is iad a' soirbheachadh 4-2 an aghaidh na Danmhairg gus àite a ghlèidheadh aig Cupa na Cruinne.
"Bha an dòigh anns an do chrìochnaich e dìreach craicte"air fhoillseachadh aig 09:32 GMT 19 An t-Samhain
09:32 GMT 19 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Eil sibh a' creidsinn gun do thachair e?
Tha Alba a' dùsgadh an-diugh is sgioba nam fear air àite a ghlèidheadh aig Cupa na Cruinne an ath-bhliadhna.
Bha Carrie NicNèill san sgioba aithris aig BBC Radio nan Gàidheal aig Hampden.
Mar gu leòr eile, cha b' urrainn do Charrie na bha i a' faicinn air a beulaibh a chreidsinn.
An tadhal a dhearbh àite na h-Alba aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 22:26 GMT 18 An t-Samhain
22:26 GMT 18 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Agus seo an tadhal iongantach aig Kenny MacIlleathain a chuir crìoch air cùisean aig Hampden.
Alba a' dol gu Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 22:16 GMT 18 An t-Samhain
22:16 GMT 18 An t-Samhain
Tùs an deilbh, SNS
Tha fireannaich na h-Alba a' tilleadh gu Cupa na Cruinne às dèidh oidhche iongantaich aig Hampden.
Rinn na h-Albannaich a' chùis air an Danmhairg 4-2 gus a' bhuidheann a bhuannachadh is àite a ghlèidheadh aig an fharpais as motha san spòrs 'son a' chiad turas bho 1998.
Ged a chaidh Alba air thoiseach tràth le tadhal sònraichte bho Scott McTominay, 's e glè bheag den bhall a bh' aca às dèidh sin is na Danaich gam putadh air ais is air ais.
Thàinig tadhal airson na Danmhairg mu dheireadh thall às dèidh 57 mionaidean, Højlund bhon spot is breab-peanais connspaideach air a thoirt seachad.
Bha dòchas às ùr cha mhòr sa bhad is càirt dhearg chonnspaideach 'son Kristensen.
Fo-thiotal a’ bhidio,
Na tadhail a tha a' cur sgioba na h-Alba gu Cupa na Cruinne
Ged a chaidh Alba air ais air thoiseach tro Shankland, fhreagair an Danmhairg gu sgiobalta is a h-uile coltas ann gur e briseadh-cridhe eile a bhiodh ann.
Ach trì mionaidean a-steach gu ùine a chaidh a chur ris a' gheama lùib Kieran Tierney am ball a-steach bho astar gus Alba a chur air thoiseach 3-2.
Cha robh e seachad aige sin.
Le diogan air fhàgail chuir Kenny MacIlleathain am ball dhan lìon bhon leth aige fhèin.
"We were pretty rubbish" dh'aidich John McGinn às dèidh làimh - is cha robh e fada ceàrr - ach coma leinn is Alba air ais air an àrd-urlar as motha a th' ann.
"Mì-phroifeiseanta"air fhoillseachadh aig 10:05 GMT 17 An t-Samhain
10:05 GMT 17 An t-Samhain
Tùs an deilbh, SNS
Chan eil sealladh buileach cho misneachail ann an saoghal rugbaidh na h-Alba is sgioba nàiseanta nam fear air call 33-24 ri Argentina aig Murrayfield Didòmhnaich.
Bha sin às dèidh dhaibh a bhith air thoiseach 21-0 tràth san dàrna leth.
"Bha e gu math mì-phroifeiseanta is 'son an fhìrinn innse chan eil e na cus iongnadh," thuirt Murray MacLeòid is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
"Chan eil fios agad leis an sgioba seo aig Alba dè tha a' dol a thachairt, chan e a-mhàin bho gheama gu geama ach taobh a-staigh a' gheama fhèin."
Tha cùmhnant aig Gregor Townsend gu deireadh 2027 ach tha Murray den bheachd gum bi ceistean mòra ann mu dhreuchd na còidse nàiseanta mura h-eil Alba aig ìre ann am Farpais nan Sia Dùthchannan.
"Nam biodh cuideigin air seo a thabhainn air Steve Clarke bhiodh e air a ghabhail"air fhoillseachadh aig 09:11 GMT 17 An t-Samhain
09:11 GMT 17 An t-Samhain
Bhiodh Steve Clarke air a bhith gu math toilichte aig toiseach iomairt na h-Alba gus Cupa na Cruinne 2026 a ruighinn nam biodh fios aige gum biodh an gnothach ann an làmhan na sgioba a' dol dhan gheama mu dheireadh.
'S e sin am beachd a bh' aig fear de sgioba aithris BBC Spòrs, Calum Dòmhnallach, is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain.
Tha Alba le cothrom fhathast a' bhuidheann aca a bhuannachadh is a dhol gu Cupa na Cruinne gu dìreach is às aonais play-off, a dh'aindeoin is gun do chaill iad 3-2 sa Ghrèig oidhche Shathairne.
Leis gun deach an Danmhairg a chumail 2-2 an aghaidh Belarus aig an aon àm, tha cothrom aig Alba leum os an cionn ma nì iad a' chùis orra aig Hampden oidhche Mhàirt.
"Bhiodh Steve Clark gu dearbh air seo a ghabhail," thuirt Calum.
"A' coimhead air ais air cuid de na geamaichean a th' air bhith againn airson faighinn gu Cupa na Cruinne tha sinn air sgiobaidhean mòra, mòra a chluich: An Eadailt, An Spàinn, a' Ghearmailt.
"Tha an Danmhairg math ach chan eil iad aig an ìre aig an robh na sgiobaidhean sin nuair a chaidh sinn nan aghaidh.
"Dh'fhaodadh geama nas fhasa a bhith ann airson faighinn gu Cupa na Cruinne ach aon gheama airson faighinn ann - chan iarradh tu an còrr".
Cluinnear an geama oidhche Mhàirt air BBC Radio nan Gàidheal is am prògram a' tòiseachadh aig 7:00f.
Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 11:31 GMT 15 An t-Samhain
11:31 GMT 15 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan
Cluinnear mu na geamannan dearbhaidh mu dheireadh aig Alba anns na buidhnean airson faighinn gu Cupa na Cruinne 2026 air Spòrs na Seachdain le Iain Moireasdain.
"Tha feum againne a bhith tòrr nas fheàrr na bha sinn"air fhoillseachadh aig 14:01 GMT 14 An t-Samhain
14:01 GMT 14 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha Dòmhnall MacEanraig am measg luchd-taic a tha airson barrachd fhaicinn bho sgioba na h-Alba
Le dà gheam mòr air fàire do dh'Alba aghaidh na Grèig agus na Danmhairg, tha luchd-taic na sgioba an dòchas gun cluich iad nas fheàrr air a' mhios seo na chluich iad san Dàmhair gus dèanamh cinnteach gum faigh iad gu Cupa na Cruinne.
Bidh an dà gheam beò air BBC Radio nan Gàidheal - a' tòiseachadh anns a' Ghrèig oidhche Shathairne aig 7:00f.
Spòrscast: Sùil air ais air seusan na h-Iomainair fhoillseachadh aig 12:00 GMT 13 An t-Samhain
12:00 GMT 13 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Anns an Spòrscast as ùire, tha Somhairle MacDhòmhnaill agus Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air na thachair tro sheusan na h-iomain a thàinig gu ceann air an deireadh sheachdain le Ceann a' Ghiùthsaich a' togail tiotal na Prìomh Lìge.
Seo agaibh criomag ach cluinnear am podcast air fad air BBC Sounds.
An dà gheam aig Alba beò air BBC Radio nan Gàidhealair fhoillseachadh aig 12:35 GMT 11 An t-Samhain
12:35 GMT 11 An t-Samhain
Tùs an deilbh, SNS
Tha Alba direach dà gheam air falbh bho Chupa na Cruinne anns na Stàitean Aonaichte, Meacsago agus Canada, agus cluinnear na dhà beò air BBC Radio nan Gàidheal.
Cluichidh sgioba Steve Clarke sa Ghrèig oidhche Shathairne agus fios aca gum fàg puing iad ann an suidheachadh math a thaobh an fharpais mhòr a ruighinn.
Bidh sin beò bho 7:00f Disathairne le Iain Moireasdan.
Bidh Iain sa chathair a-rithist oidhche Mhàirt sa tighinn is Alba a' cur fàilte air An Danmhairg.
Ma thèid aca air tilleadh on Ghrèig le puing, bidh fios aig Alba gun cuir trì an aghaidh na Danmhairg gu Cupa na Cruinne iad.
Tha am prògram sin cuideachd a' tòiseachadh aig 7:00f.
Manaidsearan a' Ghearasdain air an dreuchdan fhàgailair fhoillseachadh aig 09:11 GMT 10 An t-Samhain
09:11 GMT 10 An t-Samhain
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Neil Robertson ag ràdh gun robh e toilichte le adhartas a' Ghearasdain
Thàinig naidheachd air an deireadh-sheachdain cuideachd gu bheil Neil Robertson is Alan Knox air seasamh sìos mar cho-mhanaidsearan a' Ghearasdain.
Ghabh an dithis an stiùir aig deireadh 2022 is an cluba dìreach air tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìog.
Chrìochnaich iad san treas àite san Lìog Nàiseanta ann an 2023 mus do bhuannaich iad e ann an 2024.
Am-bliadhna bha seusan air leth aca air ais sa Phrìomh Lìog is iad anns an rèis airson an tiotail gu na seachdainean mu dheireadh.
Ràinig iad cuideachd cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais ann an 2024 - a' chiad chuairt dheireannach aca aig àrd-ìre ann an còrr is 10 bliadhna.
A' bruidhinn às dèidh a' gheama an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich Disathairne, thuirt Neil Robertson gun robh e gu math toilichte le adhartas an sgioba, ged a bha e duilich nach do rinn iad a' chùis air cupa a thogail.
Thuirt e gur e sin an dùbhlan 'son 2026.
Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thug an cluba fhèin taing dhan dithis.
Thuirt iad gun robh iad air ùine mhòr a chosg air an sgioba is air an cluba a thilleadh gu àrd-ìre.
Corky is Kings air an dòigh le tiotal eileair fhoillseachadh aig 08:45 GMT 10 An t-Samhain
08:45 GMT 10 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Rinn manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich moladh mòr air an sgioba aige is iad air Prìomh Lìog na h-iomain a bhuannachadh a-rithist.
'S e seo an còigeamh tiotal aca ann an sreath.
Bha droch aimsir air dàil a chur air deireadh an t-seusain ach fhuair Kings mu dheireadh thall na bha a dhìth orra Disathairne le buaidh 2-0 air a' Ghearasdan aig an Àird, gan togail os cionn Bhaile Ùr an t-Slèibh gu bàrr na lìge.
Tha e a' toirt gu ceann seusan anns an do bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich cuideachd Cupa MhicThàmhais is Cupa MhicAmhlaigh.
Ged a bha briseadh-dùil aca ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd nuair a chaill iad 3-2 ris a' Bhaile Ùr, tha Iain 'Corky' Borthwick ag ràdh gun robh fìor dheagh sheusan aca.
Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 10:51 GMT 8 An t-Samhain
10:51 GMT 8 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan
Tha ball-coise, iomain agus rugbaidh am measg nan cuspairean a th' aig Iain Moireasdain air a' phrògram is Alba an dòchas an gnothach a dhèanamh air na h-All Blacks 'son a' chiad turas
"Carson nach fhaod" Alba a' chùis a dhèanamh air New Zealand?air fhoillseachadh aig 18:32 GMT 7 An t-Samhain
18:32 GMT 7 An t-Samhain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Thèid Alba an aghaidh New Zealand Disathairne aig Murrayfield is iad ag amas air a' chùis a dhèanamh air na h-All Blacks airson a' chiad turas a-riamh.
Thairis air 120 bliadhna tha Alba air call 30 turas sna geamaichean eadar na sgiobaidhean, le dà gheam a' crìochnachadh co-ionnann.
Tha fear de luchd-taic na h-Alba, Callum MacNeacail, ag ràdh gur dòcha gur e seo an cothrom as fheàrr a th' aig sgioba Gregor Townsend buannachadh an aghaidh New Zealand mu dheireadh thall.
Sgioba stiùiridh Camanachd Leòdhais air seasamh sìosair fhoillseachadh aig 17:14 GMT 6 An t-Samhain
17:14 GMT 6 An t-Samhain
Tùs an deilbh, Camanachd Leòdhais
Tha manaidsear is leas-mhanaidsear Camanachd Leòdhais air na dreuchdan aca fhàgail.
Bha Donnchadh Mac an t-Saoir dà thuras na mhanaidsear air a' chluba is e air na Leòdhasaich a stiùireadh dhan àite as àirde aca san lìog a-riamh.
Chrìochnaich iad san dàrna àite ann an Lìog Tuath 2 ann an 2023 is 2024.
Thuirt Mac an t-Saoir gu bheil e den bheachd gu bheil an t-àm ann ceum air ais a ghabhail.
"'S e co-dhùnadh fìor dhoirbh a bha seo ach tha mi a' smaointinn gur e an rud ceart a th' ann 'son a' chluba is feum air beachdan ùra aig an stiùir.
"Tha mi cho moiteil às a h-uile cluicheadair a chluich dhuinn san trì bliadhna mu dheireadh is abair gun do rinn sinn adhartas.
"Tha Camanachd Leòdhais air a bhith fìor chudromach dhomh nam bheatha ann an iomain is bidh a chaoidh", thuirt e.
Thuirt Anndra MacAsgaill gun robh ochd bliadhna air leth aige mar leas-mhanaidsear.
"Thòisich mi às dèidh seusan nuair a thog an cluba aona phuing air a' phàirc is tha mi a' crìochnachadh is sinn a' farpais airson tiotalan.
"Tha mi a' faireachdainn nam chridhe gur e seo an cluba as fheàrr san t-saoghal".
Chrìochnaich na Leòdhasaich seusan 2025 san treas àite san lìog.
Plana B aig Comann na Camanachd 'son Disathairneair fhoillseachadh aig 12:12 GMT 6 An t-Samhain
12:12 GMT 6 An t-Samhain
Tha Comann na Camanachd air plana ùr a chur ann an àite ann an oidhirp dèanamh cinnteach gun tèid an geama mu dheireadh den t-seusan air adhart Disathairne.
Tha An Gearasdan gus fàilte a chur air Ceann a' Ghiùthsaich aig an Àird aig 1:30f.
Feumaidh Ceann a' Ghiùthsaich puing gus an tiotal a bhuannachadh ach ma chailleas iad thèid an duais gu Baile Ùr an t-Slèibh.
Chaidh an geama a chur dheth an t-seachdain seo chaidh is dìle air a bhith ann.
Tha Comann na Camanachd a-nise air dearbhadh gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air Pàirc na h-Àirde aig 9:00m Disathairne.
Mura h-eil a' phàirc comasach an geama a ghabhail thèid a ghluasad gu Pàirc a' Bhlàir Bhig ann an Druim na Drochaid far an tòisich e aig 12:30f.