Deit ùr 'son play-off nam banair fhoillseachadh aig 09:50 TSB 6 An Dàmhair
09:50 TSB 6 An Dàmhair
Tha Comann Camanachd nam Ban ag ràdh gun tèid an geama play-off 'son co-dhùnadh cò bhuannaicheas a' Phrìomh Lìog air adhart a-nise air an deireadh-sheachdain seo tighinn.
Bha còir aig Bàideanach is Loch Abar cluich sa Mhanachainn Didòmhnaich ach chaidh an geama a chur dheth air sgàth Stoirm Amy.
Thuirt Comann Camanachd nam Ban gun tèid an geama air adhart a-nise air an deireadh-sheachdain is gun tèid am fiosrachadh air fad a dhearbhadh cho luath 's a ghabhas.
Tha dùil gur ann Didòmhnaich a bhios e.
Chuir Stoirm Amy às dha na geamaichean eile ann an iomain nam fear cuideachd.
"Crìoch àlainn air seachdain air leth"air fhoillseachadh aig 09:26 TSB 6 An Dàmhair
09:26 TSB 6 An Dàmhair
Tùs an deilbh, Getty Images
Thuirt Bob Mac an t-Saoir gun robh "crìoch àlainn air seachdain air leth" às dèidh dha Farpais Alfred Dunhill Links a bhuannachadh.
Chrìochnaich an goilfear às an Òban air 18 fo phar, ceithir air thoiseach air Tyrrell Hatton.
Chaidh an fharpais a chluich thairis air 54 tuill is Stoirm Amy air fàgail nach robh cluich ann Disathairne.
'S e Cailean MacGumaraid an t-Albannach mu dheireadh a bhuannaich an Alfred Dunhill, air ais ann an 2005.
Tha an fharpais ga cluich eadar Cill Rìmhinn, Càrn Ùstaidh is Kingsbarns.
Thuirt Mac an t-Saoir nach do rinn e ullachadh sam bith air thoiseach air an fharpais às dèidh cluich ann an Cupa Ryder an t-seachdain seo chaidh.
"'S e crìoch àlainn air seachdain air leth a bha seo", thuirt Bob.
"Cha do rinn mi dad mar a bha an còir an t-seachdain seo. Ràinig mi Diciadain is cha do chluich mi ach 12 tholl.
"Cha do dh'ith mi ro mhath nas motha, tòrr takeaways, ach uaireannan nuair nach eil thu an dùil ris, tha rudan a' tachairt".
Chuir Mac an t-Saoir cuairtean de 66 aig Kingsbarns is Càrn Ùstaidh is 's e sin a rinn a-rithist aig Cill Rìmhinn air an là mu dheireadh.
Cothrom ùr do chluicheadairean ball-coise Leòdhais is na Hearadhair fhoillseachadh aig 11:32 TSB 4 An Dàmhair
11:32 TSB 4 An Dàmhair
Feuchaidh sgioba ball-coise taghte Leòdhais agus na Hearadh ann am farpais ùr ann an 2026.
Cluichidh an sgioba san Inter Association Trophy, farpais a tha a' toirt còmhla sgiobaidhean taghte bho air feadh na h-Alba, leis a' chiad geama sa Ghearran an ath-bhliadhna.
'S e Colin George Moireasdan a bhios na mhanaidsear air an sgioba, agus dh'innis e do dh'Iain Moireasdan air Spòrs na Seachdain gur e deagh chothrom a bh' ann do na cluicheadairean.
"Tha e cudromach gu bheil sinn a' toirt a' chothruim dhaibh cluich aig ìre nas àirde.
"Bidh sgiobaidhean Dhùn Èideann is Ghlaschu aig fìor àrd-ìre, bha Brora Rangers againn shuas ann an Leòdhas o chionn 18 mìosan, fhuair sinn droinneadh ach bhon an sin fhuair dhà no trì de na cluicheadairean cothrom cluich aig ìre nas àirde.
"Barrachd is barrachd tha balaich bho na h-eileannan a' gabhail a' chothruim sin, 'son cluich aig ìre nas àirde agus mar as motha de chluicheadairean a tha a' dèanamh sin, 's ann as fheàrr."
Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 10:50 TSB 4 An Dàmhair
10:50 TSB 4 An Dàmhair
Fo-thiotal a’ bhidio,
Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan
Tha ball-coise agus ruith am measg nan cuspairean a th'aig Iain Moireasdan an-diugh.
An Gearasdan v Ceann a' Ghiùthsaich dhethair fhoillseachadh aig 16:30 TSB 3 An Dàmhair
16:30 TSB 3 An Dàmhair
Dhearbh Comann na Camanachd gun deach an geam eadar An Gearasdan agus Ceann a' Ghiùthsaich Disathairne ann am Prìomh Lìog na h-iomain a chur dheth air sgàth na droch shìde.
Bha amharas ann gun tachradh a leithid is stoirm Amy gu bhith a' gluasad tarsainn na dùthcha.
Thèid sgrùdadh a dheanamh air a' phàirc aig an Eilean madainn Disathairne aig 7.30 gus faighinn a-mach a bheil e coimeasach an geam eadar Baile Ùr an t-Slèibh agus Camanachd an Òbain a' chluich feasgar
Chaidh an geama eile sa Phrìomh Lìog Disathairne eadar An t-Eilean Sgitheanach agus Caol Bhòid cuideachd a chur dheth.
Play-off 'son Prìomh Lìog nam Ban a dhearbhadhair fhoillseachadh aig 14:43 TSB 3 An Dàmhair
14:43 TSB 3 An Dàmhair
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn Bàideanach a' chùis air Loch Abar airson Cupa Valerie Fhriseil a thogail
Cluichidh Bàideanach an aghaidh Loch Abair uair eile Didòmhnaich airson dearbhadh cò bhuannaicheas Prìomh Lìog Iomain nam Ban.
Tha feum air geama eile às dèidh dhan dà sgioba crìochnachadh co-ionnan aig mullach na lìge.
Dh'fhàg sin gun do chrìochnaich na sgiobaidhean còmhla air 20 puing.
Choinnich an dà sgioba às dèidh sin ann an cuairt-dheireannach Cupa Valerie Fhriseil far an tàinig Bàideanach am bàrr 2-0 airson an cupa a thogail.
Bidh an geama ann Didòmhnaich aig Pàirce Braeview anns a' Mhanachainn is e ' tòiseachadh aig 1:30f.
Prìomh Lìog na h-iomain anns na buillean mu dheireadhair fhoillseachadh aig 11:10 TSB 3 An Dàmhair
11:10 TSB 3 An Dàmhair
Fo-thiotal a’ bhidio,
Cho fad 's a cheadaicheas an t-sìde, tha là mòr air fàire aig mullach Prìomh Lìog na h-iomain a-màireach.
Cluichidh Ceann a' Ghiùthsaich a th' aig bàrr na lìge an aghaidh a' Ghearasdain a th'anns a' cheathramh àite, ceithir puingean far a mhullaich.
Cuideachd, cluichidh Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Chamanachd an Òbain, leis an dà sgioba puing air cùlaibh Cheann a' Ghiùthsaich, ged a tha am Bàil' Ùr air geama a bharrachd a chluich.
Gu sìmplidh, ma bhuannaicheas an dà sgioba à Bàideanach, bidh an tiotal aig Ceann a' Ghiùthsaich uair eile.
Ach ma bhuannaicheas Camanachd an Òbain, thèid an rèis sìos chun na geamaichean mu dheireadh aig na sgiobaidhean an ath sheachdain.
Agus tha fear a tha a' cumail sùil gheur air a' gheam, Aonghas MacAonghais, am measg na dh'iarradh gun tachradh sin.
Spòrscast: "Tha ruith cho cudromach nam bheatha"air fhoillseachadh aig 17:57 TSB 2 An Dàmhair
17:57 TSB 2 An Dàmhair
Fo-thiotal a’ bhidio,
Anns an Spòrscast as ùire tha DA Moireasdan a' còmhradh ri Calum MacAmhlaigh mun phàirt mhòr a th' aig ruith na bheatha is e ag ullachadh cuideachd 'son a' chiad ultramarathon aige.
Gheibh sibh cothrom èisteachd gu h-ard.
Ceann a' Ghiùthsaich a' dèanamh a' chùis air Lòbhatair fhoillseachadh aig 18:39 TSB 28 An t-Sultain
18:39 TSB 28 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Bha briseadh-dùil mòr aig a' Ghearasdan san iomain is iad a' call 2-0 an aghaidh an Eilein Sgitheanaich.
Coltach ri Baile Ùr an t-Slèibh, ged a tha cothrom aig a' Ghearasdan fhathast air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh, chan eil e ro choltach idir a-nise gur e sin a thachras.
Bhuannaich am Baile Ùr fhèin 6-0 an aghaidh Caol Bhòid Disathairne.
Tha Camanachd an Òbain fhathast air tòir Chinn a' Ghiùthsaich às dèidh dhaibhsan còig tadhail gun freagairt a chur seachad air Cabar Fèidh.
'S iad Ceann a' Ghiùthsaich fhèin a tha san t-suidheachadh as làidire.
Rinn iadsan an gnothach air Lòbhat 4-0 agus tha Calum MacAmhlaidh a' toirt sùil air ais air a' gheama.
Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 11:16 TSB 27 An t-Sultain
11:16 TSB 27 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan
Tha ball-coise agus Cupa Ryder am measg nan cuspairean a th'aig Iain Moireasdan an-diugh.
Iomain eadar-nàiseanta a' tilleadh a dh'Albaair fhoillseachadh aig 10:39 TSB 26 An t-Sultain
10:39 TSB 26 An t-Sultain
Tùs an deilbh, Neil G Paterson
Tha iomain eadar-nàiseanta a' tilleadh gu Alba airson a' chiad uair bho 2018 is geamaichean nam fear is nam ban nam pàirt den là còmhla gu foirmeil 'son a' chiad turas.
Chaidh an naidheachd fhoillseachadh aig Pàrlamaid na h-Alba le cinn-suidhe Chomann na Camanachd is Comann Camanachd nam Ban ann còmhla ri Uachtaráin Chumann Lúthchleas Gael is an Cumann Camógíochta.
Ged a tha iomain eadar-nàiseanta nam ban air a bhith ann fad iomadh bliadhna, 's e seo a' chiad turas a tha e ga chur air adhart gu foirmeil mar phàirt den là.
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba John Swinney, a bha cuideachd an làthair aig cur air bhog an tachartais, gu bheil esan air a dhòigh "gu bheil geama nam ban a' faighinn aithne mar bu chòir còmhla ri geama nam fear".
Bidh na geamaichean ann Disathairne an 25mh den Dàmhair aig Pàirc a' Bhucht.
"Toilichte gu ìre le puing"air fhoillseachadh aig 18:02 TSB 25 An t-Sultain
18:02 TSB 25 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Às dèidh do Celtic crìochnachadh 1-1 an aghaidh Red Star Belgrade sa chiad gheama aca de Lìog Europa fhuair sinn beachd bho fhear de luchd-taic Celtic, Ruairidh MacCarmaig, a thuirt gun robh e toilichte gu ìre le puing.
Chuir Kelechi Iheanacho sgioba Bhrendan Rodgers air thoiseach deich mionaidean a-steach dhan dàrna leth mus d' fhuair Marko Arnautovic Red Star co-ionnann.
Cluichidh Celtic an ath gheama aca san fharpais aig an taigh an aghaidh Sporting Braga à Portagail an ath Dhiardaoin.
Spòrscast - Cupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 14:29 TSB 25 An t-Sultain
14:29 TSB 25 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Air an Spòrscast as ùire tha sgioba aithris Radio nan Gàidheal a' beachdachadh air mar a thog Bail' Ùr an t-Slèibh Cupa na Camanachd airson a' chiad turas ann an sia bliadhna.
Gheibh sibh air èisteachd ris an Spòrscast gu h-àrd.
Bha làmh an uachdair aig a' Bhail' Ùr fad tòrr den gheama agus cha tàinig Kings air adhart ceart gus an robh iad gu math air dheireadh aig 3-0.
Fhuair an cluicheadair aghaidh Iain Robinson dà thadhal don Bhaile Ùr - a' chiad fhear an dèidh 18 mionaid agus an uairsin a-rithist an dèidh 50 mionaid.
Fhuair am fear òg tàlantach Joe Coyle, a tha cuideachd a' cluiche ball-coise le cùmhnant aige aig Ross County, an tadhal eile dhan sgioba aig Peadar Ros an dèidh 63 mionaid.
Ach thill Ceann a' Ghiùthsaich le dà thadhal bho Ryan Borthwick a thàinig far na beingidh.
A dh'aindeoin 's gun robh cùisean air leth teann faisg air deireadh a' gheama, chaidh an là leis a' Bhail' Ùr aig a' cheann thall.
Fhuair Iain Robinson duais sàr-chluicheadair a' gheama cuideachd agus e a' faighinn bonn cuimhneachaidh Albert Mhic a' Ghobhainn.
B' ann ann an 2019 a fhuair iad an cupa mu dheireadh agus tha seo cuideachd a' ciallachadh nach eil Ceann a' Ghiùthsaich a' dol a dh'fhaighinn Grand Slam air an t-seusan seo.
Tha fhathast obair mu choinneimh an dà sgioba ge-tà, agus tiotal a' Phrìomh Lìg ri bhuannachadh airson an t-seusain.
Fo-thiotal an deilbh,
Iain Robinson, sàr-chluicheadair a' gheama
Barraigh a' buannachadh Lìog Uibhist is Bharraigh air fhoillseachadh aig 13:06 TSB 20 An t-Sultain
13:06 TSB 20 An t-Sultain
Tùs an deilbh, U&B Football Association
Bhuannaich Barraigh Lìog Uibhist is Bharraigh gu cofhurtail agus iad a' dèanamh a' chùis air Saints an Ìochdair 6-2 ann am play-off ann an Dalabrog an-diugh.
Rinn na Barraich an gnothach air Saints ann an Cupa Billy MhicNèill an t-seachdain seo chaidh cuideachd nuair a bhuannaich iad 5-1.
Cuairt dheireannach Chupa na Camanachd gu bhith oirnnair fhoillseachadh aig 18:07 TSB 19 An t-Sultain
18:07 TSB 19 An t-Sultain
Fo-thiotal a’ bhidio,
Coinnichich Bail' Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd aig Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis Disathairne.
Chan eil ach aon phuing eadar an dà sgioba aig mullach na lìog agus mar sin, tha dùil ri geama air leth teann.
Air thoiseach air cuairt dheireannach Chupa na Camanachd Disathairne, tha muinntir Inbhir Aora air an dòigh is iad air lorg fhaighinn air bonn bhon uair a bhuannaich iadsan an fharpais as motha ann an iomain 'son a' chiad turas 100 bliadhna air ais.
Chomharraich Caley Thistle Inbhir Nis tighinn a-mach à rianachd le buaidh 1-0 an aghaidh Cove Rangers oidhche Shathairne.
Tha Ailean Savage, leis a bheil an cluba a-nise, ag ràdh gu bheil iad ann an suidheachadh làidir.
Tha Earsaidh MacIlleathain am measg luchd-leantainn a tha a' dèanamh gàirdeachais.
Ceum mòr do Cheann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 11:21 TSB 15 An t-Sultain
11:21 TSB 15 An t-Sultain
Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
Fo-thiotal an deilbh,
Fhuair Ceilteach an Òbain a' phuing a bha a dhìth orra gus Lìog Deas 1 a bhuannachadh
'S e seachdain mhòr a th' anns an iomain is Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh gus coinneachadh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd Disathairne.
Thèid Kings a-steach dhan gheama sin ann am fìor dheagh shunnd is iad air ceum mòr a ghabhail Disathairne nan oidhirp greim a chumail air a' Phrìomh Lìog.
Rinn iad an gnothach air Camanachd an Òbain 4-2 aig an Dell, a' leum seachad air an Òban gu mullach na lìge.
Tha trì geamaichean lìge air fhàgail aig Ceann a' Ghiùthsaich - is coltas glè chudromach air an fhear an ath-mhìos an aghaidh a' Ghearasdain - ach tha iad a-rithist ann an suidheachadh làidir.
Tha am Baile Ùr fhèin gu ìre mhòir a-mach às an rèis aig a' mhullach ach dheasaich iad fhèin gu math 'son na cuairt deireannaich le droinneadh 4-0 a thoirt air Lòbhat.
Dhearbh sin gur e Lòbhat a thèid sìos bhon Phrìomh Lìog leis na nàbaidhean aca bhon Mhanachainn.
Chuir a' Mhanachainn fhèin crìoch air seusan doirbh is iad a' call 5-3 ri Caol Bhòid.
Bha fios mar-thà gun robh Loch Abar gus tilleadh dhan Phrìomh Lìog is iad air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh.
Fhuair iad duais na lìge Disathairne is iad aig an dearbh àm a' dèanamh sgrios air planaichean GMA a dhol suas còmhla riutha.
Rinn na h-Abraich an gnothach 3-0 ann an Glaschu, a' fàgail gum feum GMA a-nise pronnadh a thoirt air Gleann Urchadain sa gheama mu dheireadh acasan gus cothrom a bhith aca air an dàrna àite, far a bheil Caol-Gleann an-dràsta.
Tha Eilean Bhòid fhathast le deagh chothrom cuideachd is thèid iadsan os cionn Caol-Gleann ma nì iad a' chùis air Inbhir Aora sa gheama mu dheireadh acasan.
Chaidh tiotal eile a dhearbhadh Disathairne is Ceilteach an Òbain a' buannachadh Lìog Deas 1.
Chrìochnaich iad 2-2 an aghaidh nan nàbaidhean aca Lochside Rovers is sin gu leòr 'son an duais a dhearbhadh - agus togail a thoirt do Raibeart Mac an t-Saoir air thoiseach air Cupa Ryder cuideachd.