Cead do dh'àrainn spòrs ùr an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich

Pàirc-spòrs an Ath Leathainn bhon adharTùs an deilbh, SPÒRSALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air taic a thoirt do na planaichean airson goireasan spòrs ùra san Ath Leathann.

Tha a' bhuidheann Campas Coimhearsnachd Cheann a Deas an Eilein Sgitheanaich (SSCC) airson pàirc-spòrs phlastaig a ghabhas cleachdadh fad na bliadhna a chur sìos sa bhaile.

Thàinig dearbhadh aig toiseach na Sultaine gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd deònach taic-airgid £200,000 a thoirt seachad bho Mhaoin Ath-Nuadhachaidh nan Coimhearsnachdan.

Tha am maoineachadh a' crochadh air taic fhaighinn cuideachd bho Phrògram Eileanan Riaghaltas na h-Alba 2025/26.

Thuirt SSCC gun robh "air an dòigh cead-dealbhachaidh fhaighinn airson goireasan spòrs àrd-ìreach a thoirt dhan sgìre".

Tha iad ag ràdh gum bi iad ag obair a-nise gus dearbhadh fhaighinn air a' mhaoineachadh mu dheireadh a dh'fheumas iad.

Thòisich an iomairt 'son na goireasan ùr spòrs fhaighinn gus am biodh iad ann nuair a tha bun-sgoil ùr deiseil san Àth Leathann.

Tha dragh san sgìre nach eil goireasan spòrs aig ìre ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich an-dràsta.

Bidh a' phàirc phlastaig ùr ri taobh làrach na sgoile.

Tha gearanan air a bhith fad bhliadhnaichean mu staid na sgoile a th' ann.

Chaidh cùmhnantaiche ainmeachadh airson sgoil ùr a thogail as t-samhradh is Comhairle na Gàidhealtachd air cead-dealbhachaidh a thoirt seachad.

Tha dùil aig an ìre seo gun tòisich obair san Dùbhlachd am-bliadhna, leis an sgoil ùr gu bhith deiseil ro shamhradh 2027.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte