"Cultarlann" do dh'Inbhir Nis?
- Air fhoillseachadh

Tha Urras Dualchas Alba airson gum bi an t-ionad cultarail Gàidhlig na chomharra faicsinneach airson na Gàidhlig ann an Inbhir Nis.
Tha taic làidir ann airson Ionad Cultarail Gàidhlig ann an Inbhir Nis, a rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh le Urras Dualchas Alba.
Tha togalach ann am meadhann a' bhaile, Talla Cuimhneachaidh an Dtr. MhicIlleDhuibh, a-nis fo sgrùdadh gus faicinn am biodh e freagarrach.
Tha iarrtas air nochdadh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad airson ionadan mar seo ann am bailtean mòra na h-Alba, a bhiodh nan àiteachan sònraichte do luchd na Gàidhlig.
"'S e togalach a th' ann ann an teis-meadhain a' bhaile, a tha gu math gu math goireasach do choimhearsnachd Inbhir Nis," thuirt Emily NicDhòmhnaill, bhon Urras.
Dùn Èideann
"Ach cuideachd do dhaoine a tha a' tadhal air Inbhir Nis à àiteachan eile air Ghàidhealtachd, agus gu dearbha fhèin do luchd-turais.
"Tha gu leòr luchd-turais ann am meadhan a' bhaile gu math tric gun mòran ri dhèanamh, agus bhiodh an t-àite seo gu math freagarrach dhaibhsan cuideachd.
"A bharrachd air sin 's e seann togalach eachdraidheil a th' ann, a tha gu math cliùiteach ann an Inbhir Nis.
"Tha e air a bhith falamh airson beagan bhliadhnaichean, agus bhiodh e math an t-àite fhaighinn a' dol a-rithist," thuirt i.
Chan eil fada bho chaidh ionad a stèidheachadh airson Gàidhlig na h-Èireann ann am baile Àird Mhacha ann an Èirinn a Tuath - am fear as ùire ann an sreath de "Chultarlannan".
Thug sin spionnadh do chuid de dhaoine an Alba, agus chaidh coinneamh a chumail ann an Dùn Èideann mu dheidhinn ionad Gàidhlig a stèidheachadh an sin.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil iarrtas làidir ann bho dhiofar sheòrsaichean dhaoine," thuirt an t-Oll. Wilson MacLeòid.
"Bho dhaoine an sàs anns na h-ealain Ghàidhlig, chan eil àite an airson rudan a thaobh sin.
"A thaobh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig - àite airson chlasaicean.
"Coinneamhan nam buidhnean ann an Dùn Èideann - tha e uabhasach duilich àite a lorg.
"Pàrantan agus clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Agus air sgàth 's gur e baile mòr turasachd a th' ann an Dùn Èideann, luchd-turais à diofar dhùthchannan le ùidh anns a' Ghàidhlig - no le ùidh anns a h-uile pàirt de chultar na h-Alba.
"Tha cothrom ann ìomhaigh na Gàidhlig a thoirt suas an lùib sin," thuirt e.
Cànan làitheil
Tha Urras Dualchas Alba airson gum bi an t-ionad cultarail Gàidhlig na chomharra faicsinneach airson na Gàidhlig ann an Inbhir Nis, agus gum bi e fosgailte do dhuine sam bith a tha airson tadhal.
Tha iad cuideachd an dòchas cliù a thoirt air ais do thogalach àlainn a th' air a bhith na laighe ann an droch staid airson iomadach bliadhna.
"Sheall an suirbheidh a rinn sinn gun robh a' mhòr-mhòr-chuid de dhaoine ag iarraidh cafaidh 's gum biodh a' Ghàidhlig ann mar chànan làitheil," thuirt Emily.
"Cuideachd bha iad ag iarraidh bùth fhaicinn a' reic leabhraichean Gàidhlig.
"Cuideachd stuthan eile - stuthan ionadail às an sgìre mar gum biodh.
"Tha talla uabhasach brèagha shuas an staighre san togalach, agus bhiodh sin freagarrach airson chèilidhean, chuirmean ciùil.
"Rud eile a thàinig a-mach anns an t-suirbheidh, 's e gum biodh ùidh aig daoine ann an taisbeanadh air eachdraidh is cultar na Gàidhlig, agus àite airson chlasaichean Gàidhlig cuideachd," thuirt i.