25 bliadhna de FtMG aig Goodlyburn am Peairt ga chomharrachadh

- Air fhoillseachadh
Tha 25 bliadhna de dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ga chomharrachadh aig Bun-sgoil Goodlyburn ann am Peairt.
Tha dà chlas Gàidhlig ann an-dràsta: clasaichean 1 gu 3 ann an aon rùm agus 4 gu 7 ann an rùm eile agus tha dochas ann gun tèid leudachadh air sin.
An-diugh, tha faisg air 30 sgoilearan a' dol tro fhoghlam Gàidhlig ann an Goodlyburn.
Ach chan e slighe fhurasta a tha air a bhith ann.
Às dèidh a stèidheachadh, dh'fheumar foghlam Gàidhlig a stad rè beagan bhliadhnaichean ri linn dhuilgheadasan mu thimcheall thidsearan.
Ach chaidh FtMG ath-stèidheachadh anns an sgìre agus tha e air a bhith a' fàs bhon uair sin.

Tha prìomh thidsear Gàidhlig Pheairt agus Cheann Rois, Hamish Rothach, air leth toilichte le mar a tha a' dol dhan aonad.
"Sgoilearan fìor mhath a th' againne agus tha iad an-còmhnaidh a' brosnachadh na Gaidhlig agus a' cleachdadh Gàidhlig gu math.
"'Tha iad a' faighinn an t-uabhasach chothroman Gàidhlig a chleachdadh cuideachd", thuirt e.
Agus gu dearbh fhèin, tha na sgoilearan ag aontachadh le sin.
"'S toil leam ag ionnsachadh Gàidhlig oir tha tòrr fhaclan doirbh ann agus tha Gàidhlig dìreach cho math a bhith ga bruidhinn", thuirt Piper rinn.
Agus thuirt Annie: "'S toil leam a' dèanamh làmh-sgrìobhadh oir, aon turas bha an làmh-sgriobhadh agam cho math thuirt Mrg Rothach gum faod mise sgrìobhadh ann am peann!"

Tha Piper is Annie ag radh gu bheil a' Ghàidhlig agus làmh-sgrìobhadh a' còrdadh riutha
Ach a dh'aindeoin 's gu bheil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air fàs agus gu bheil sin air a bhith soirbheachail, tha dùbhlain mu choinneamh nan tidsearan.
"Tha mi seòrsa faireachdainn nach eil coimhearsnachd Gàidhlig nàdarra againn anns an sgìre seo", thuirt Cairistìona NicGriogair, a tha na tidsear ann an sgoil Goodlyburn.
"Tha feadhainn aig a bheil Gàidhlig anns an sgìre ach tha sinn a' feuchainn, taobh a-staigh na sgoile, ri tachartasan a chumail far a bheil sinn a' dèanamh cheanglaichean leis a' choimhearsnachd.
"Tha sin air a bhith gu math soirbheachail, tha mi a' faireachdainn, do na sgoilearan - tha e a' toirt orra Gàidhlig a bhruidhinn ri feadhainn eile.
"Agus tha e math dhaibh a bhith ag obair le feadhainn eile agus ann an dòigh eadar diofar aoisean", thuirt i.
A' coimhead air adhart, tha dòchas ann gun tèid foghlam Gàidhlig anns an sgoil a leudachadh.
Thuirt Hamish Rothach gu bheil iad a' faireachdainn gum biodh e na bhuannachd mhòr nan robh sgoil-àraich ann.
Bhiodh sin a' deisealachadh an fheadhainn a bhiodh a' tighinn a-steach gu Clas 1 thuirt e.
"Ach cuideachd airson rud beag neairt agus rud beag structair a thoirt dhuinn a thaobh a bhith a' gabhail ri teaghlaichean ùra dhan chlas agus gu Gàidhlig anns an fharsaingeachd."
Agus ged a tha na sgoilearan air an sgaradh an-dràsta eadar dà chlas, thathas a' faireachdainn gum bi feum a dh'aithghearr air trì clasaichean.
"Tha ùidh mhòr aig feadhainn anns a' choimhearsnachd ann an Gàidhlig", thuirt Hamish.
"Tha oifigear leasachaidh ùr againn cuideachd agus tha mi a' smaointinn leis an dreuchd sin agus putadh mòr bhon sgoil, tha mi a' smaointinn gun urrainn dhuinn faighinn gu àiteachan agus faighinn gu teaghlaichean aig nach eil Gàidhlig an-dràsta no nach eòlach oirnne fhathast.
"Agus le sin, tha sinn a' smaointinn gun tig e agus gun tig an t-adhartas", thuirt e.
Tachartasan
A rèir Plana Gàidhlig Chomhairle Pheairt is Cheann Rois, tha iad an dùil foghlam aig ìre sgoil-àraich a thabhann ann am baile Pheairt ro 2028.
Chuir BBC Naidheachdan fios thuca a dh'fhaighneachd dè tha iad a' dèanamh airson sin a choileanadh ach cha tàinig freagairt fhathast.
San eadar-ama ge-tà, tha Aonad Gàidhlig Goodlyburn dòchasach mun àm ri teachd,
Agus tha iad a' coimhead air adhart ri tuilleadh thachartasan gus 25 bliadhna de dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chomharrachadh.