A' chìs-chomhairle a' dol suas 7% air a' Ghàidhealtachd

Am PlocTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chuir comhairlichean na Gàidhealtachd taic ri àrdachadh 7% sa chìs-chomhairle is iad air buidseat na h-ath-bhliadhn' ionmhais aontachadh.

Mar phàirt den bhuidseat sin, thèid £14m de shàbhalaidhean ùra a dhèanamh thairis air an ath thrì bliadhna an lùib shàbhalaidhean £36.7m uile gu lèir.

Tha àrdachadh 10% air faraidhean Aiseag a' Chorrain an cois nan sàbhalaidhean.

Cha tèid airgead a thoirt à cùl-stòrais an ùghdarras ionadail.

Lèis an àrdachadh sa chìs-chomhairle, bidh taigh sa chumantas ann am Bann D air a' Ghàidhealtachd a' pàigheadh £1,527.09 sa bhliadhna, àrdachadh de cha mhòr £100.

Bidh cuideachd 2% de na thig a-steach tron chìs-chomhairle ga chosg air sgoiltean is air rathaidean a leasachadh.

Tha seo mar phàirt de phlana a dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd roimhe gus maoin £2bn a chruthachadh le fòcas air rathaidean is sgoiltean gu h-àraid.

Fàs

Le comhairlean air feadh na dùthcha air a bhith ag aontachadh nam buidseatan aca, tha 7% am measg nan àrdachaidhean as ìsle sa chìs-chomhairle ann an Alba.

Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd chaidh àrdachadh 9.9% aontachadh, is a' chìs a' dol suas 7.5% anns na h-Eileanan an Iar.

Ann an Arcaibh chaidh gabhail ri àrdachadh 15%.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e "buidseat airson fàs" a th' aca is iad ag ràdh gun tèid na milleanan notaichean a chosg agus còrr is 100 dreuchd a chruthachadh.

"Tha mi air mo dhòigh gu bheil buill air taic a chur ri Coimisean Bochdainn is Co-ionnanachd a stèidheachadh 'son na Gàidhealtachd", thuirt ceannard na comhairle, Reamonn Bremner.

"Tha £870,000 ga chosg le fòcas air dèiligeadh ri bochdainn is neo-ionnannachd nar coimhearsnachdan, is seo a thuilleadh air a' phrògram a th' againn gus am bi cothrom aig daoine air taighean aig prìs reusanta, cumhachd ath-nuadhachail is obraichean".