Duaisean Dèan Diofar a' BhBC gan cuir air bhog an Alba 'son a' chiad uair

Dèan Diofar 2025
  • Air fhoillseachadh

Tha BBC Radio Alba agus BBC Radio nan Gàidheal a' tighinn còmhla gus togail air cho cudromach 's a tha gaisgich coimhearsnachd air feadh Alba le bhith a' cur air bhog Duaisean Dèan Diofar a' BhBC 2025.

Tha an dà stèisean ag iarraidh air luchd-èisteachd tagraidhean a chur a-steach a tha a' togail air na daoine a tha air obair iongantach a dhèanamh sna coimhearsnachdan aca fhèin.

Seo a' chiad uair a tha na duaisean air a bhith air an cumail ann an Alba. Thòisich iad ann an Sasainn ann an 2022 agus thathar ag amas air cliù agus aithne a thoirt do dhaoine a tha a' dèanamh an t-uabhas do dhaoine eile agus do na coimhearsnachdan ionadail aca fhèin.

Tha ochd roinnean ann – nam measg Duais na Buidhne Coimhearsnachd, Gaisgeach Òg dhaibhsan fo aois 16 a th' air buaidh shònraichte a thoirt air a' choimhearsnachd aca, a thuilleadh air Duais Spòrs do chuideigin a th' air taic is cuideachadh a thoirt do dhaoine tro spòrs no cur-seachad eile.

Thèid na tagraichean a thaghadh le panail de bhritheamhan.

Thèid na buannaichean fhoillseachadh aig cuirm anns an t-Sultain 2025.

Thuirt Kaye Adams, preasantair Mornings air BBC Radio Alba: "Tha gaisgich ann an iomadach cruth agus ma tha neach sa choimhearsnachd agadsa, tha sinn airson cluinntinn mun deidhinn.

"Seo an cothrom aithne a thoirt dhaibhsan a tha gu socair "a' dèanamh diofar".

"'S dòcha gur e nàbaidh a th' ann, neach a tha ag obair gu saor-thoileach no neach a th' air tòrr airgid a chruinneachadh.

"Seo a' chiad uair a tha na duaisean ann an Alba agus mar sin, feuch gun innis thu dhuinn cò a tha airidh air an urram seo far a bheil thusa a' fuireach."

Tha tagraidhean a-nise fosgailte agus dùinidh iad Diluain 31mh den Mhàrt 2025 aig 5:00f.

Airson liosta de roinnean agus airson fios air mar a nì thu tagradh, thigibh gu bbc.co.uk/makeadifference agus chì sibh na riaghailtean air fad an sin cuideachd.

Roinnean 2025

Duais Saor-thoileach – do neach a tha a' dèanamh diofar susbainteach sa choimhearsnachd aca le bhith a' cuideachadh dhaoine eile san ùine aca fhèin.

Duais Gaisgeach Òg - dhaibhsan fo aois 16 a th' air buaidh shònraichte a thoirt air a' choimhearsnachd aca no a tha air cliù air leth a chosnadh dhaibh fhèin.

Duais Nàbaidh Sgoinneil – do neach a tha cuideachadh le bhith a' toirt piseach air an nàbachd aca – gu cunbhalach no tro aona rud sònraichte.

Duais Spòrs – do neach no do bhuidheann a th' air spòrs no eacarsaich a chleachdadh mar dhòigh gus piseach a thoirt air beatha dhaoine eile sa choimhearsnachd aca.

Duais Beathaich – do bheathach sònraichte a tha a' toirt piseach air beatha dhaoine no neach no buidheann a tha a' cuideachadh le bhith a' coimhead às dèidh bheathaichean.

Duais Uaine – do neach no buidheann a tha air piseach a thoirt air an àrainneachd aca no a th' air a bhith a' glèidheadh na h-àrainneachd ionadail aca.

Duais Togail Airgid - do neach no buidheann a tha air a dhol gu saothair mhòir gus airgead a chruinneachadh sa choimhearsnachd aca.

Duais na Buidhne Coimhearsnachd – do bhuidheann a th' air cuideachadh le bhith ag atharrachadh beatha dhaoine eile sa choimhearsnachd aca.