Dragh gun caill clann an Cataibh cothrom air FtMG
Fiona NicLeòid is a' chlann aice Kirsty is Donnchadh is iad a' cuimhneachadh air a dhol tro FtMG ann am Baile Dhubhthaich
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann an Cataibh mun bhuaidh a bheir crìochan ùra sgoile ann am Baile Dhubhthaich air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus an cànan fhèin san sgìre anns na bliadhnaichean ri thighinn.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' stèidheachadh chrìochan an-dràsta agus sgoil mhòr ùr aois 3-18 ga togail ann am Baile Dhubhthaich.
Bidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn anns an sgoil ùir is Bun-sgoil Chnoc na Creige, far a bheil FtMG an-dràsta, gu bhith na pàirt dhith.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gum biodh na crìochan ùra a rèir an fheadhainn airson foghlam Beurla anns an sgìre.
Ach tha feadhainn iomagaineach gu bheil na crìochan a tha san amharc ro bheag agus gun caill cuid ann an Cataibh a-mach air foghlam Gàidhlig ann am Baile Dhubhthaich.
Chan eil na crìochan ùra a' gabhail a-staigh an Luirg, Goillspidh, Brùra, agus bailtean beaga eile ann an Cataibh.

Na crìochan sgoile a tha san amharc
Thuirt Comhairle na Gàidhealtach gun lean còmhdhail-sgoile dhaibhsan a tha a' dol dhan sgoil ann am Baile Dhubhthaich às na sgìrean sin, agus na peathraichean agus bràithrean aca cuideachd.
Tha ceist ann ge-tà, air dè thachras do theaghlaichean ùra a dh'iarradh foghlam Gàidhlig.
'S i Fiona NicLeòid a thòisich an iomairt Gàidhlig ann an Cataibh, taobh a-muigh an-uiridh.
Bha sin às dèidh aithrisean air BBC Naidheachdan mu shuidheachadh a' chànain san sgìre.
Tha dragh às ùr air Fiona a thaobh mar a dh'fhaodadh na crìochan ùra sgoile ann am Baile Dhubhthaich bualadh air a' Ghàidhlig am measg òigridh Chataibh.
Chaidh a' chlann aice fhèin, an nighean aice Kirsty nam measg, tro FtMG ann am Baile Dhubhthaich.
"Ma tha pàrantan taobh a-mach na sgìre (sgoile) airson iarrtas a dhèanamh faodaidh iad sin a dhèanamh ach chan fhaigheadh iad còmhdhail-sgoile," thuirt Fiona.
An aithris aig Alasdair MacLeòid an-uiridh a phiobraich deasbad às ùr mu chor na Gàidhlig ann an Cataibh
"Bhiodh sin trom air daoine is tha iad ag ràdh cuideachd, can nam biodh 30 pàiste ann an clas is gun tigeadh iarrtas bho phàiste eile bho thaobh a-muigh na sgìre, bhiodh sin air a dhiùltadh.
"Chan eil cinnt sam bith do dhuine a nì iarrtas gum faigh iad àite."
Dh'iarr Fiona is feadhainn eile à Cataibh air Comhairle na Gàidhealtachd na crìochan sgoile ùra a leudachadh is iad ag ràdh nach eil dòigh eile aig clann Chataibh air foghlam Gàidhlig.
Chan eil FtMG ri fhaighinn anns an sgìre fhèin an-dràsta.
"Tha fiosam nuair a bha mo chuid chloinne fhèin aig an sgoil ann an Cnoc na Creige gun robh clann eile a' tighinn à Sgìre Raoird agus feadhainn à Innis nan Lìon," thuirt Fiona.
"Bho na planaichean seo cha bhiodh cothrom acasan tuilleadh.
"Tha mi a' faireachdainn gu bheil cùisean cho cugallach mar-thà a thaobh na Gàidhlig ann an Cataibh," thuirt i.

Fiona NicLeòid is Kirsty McConnell
Tha Kirsty fhèin ag aontachadh.
"Mura h-eil atharrachadh sam bith ann, chan eil Gàidhlig a' dol a bhith an seo," thuirt i.
"Tha mi fhìn is mo bhràthair is mo phiuthar cho toilichte gun deach sinn tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig is gun robh an cothrom sin againn
"Tha mi a' smaointinn gum biodh e gu math mì-fhortanach ma tha clann ann le ùidh sa Ghàidhlig ach gu bheil iad ro fhada air falbh bho sgoil le Gàidhlig is nach eil an cothrom ann.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh co-chomhairle, taobh a-muigh air na planaichean an-dràsta is thig sin gu crìch Dihaoine.
Thèid aithisg an uairsin ullachadh leis na beachdan a fhuair iad.

Sgoil ùr Bhaile Dhubhthaich
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2024