Adhartas aig Cultarlann Inbhir Nis

Tha Cultarlann Inbhir Nis an-dràsta air a chòmhdach ann an sgafall 's obair air an togalach a' leantainn
- Air fhoillseachadh
Tha an fheadhainn air cùl Cultarlann Inbhir Nis ag ràdh gu bheil obair-leasachaidh air an togalach a' tighinn air adhart is gu bheil coimhearsnachd mar-thà stèidhichte timcheall air an àite.
Tha beagan is bliadhna ann a-nise bho fhuair iad sealbh air seann Eaglais an Ear a' bhaile air Sràid na h-Acadamaidh.
Thug sin gu ceann iomairt a bha air tòiseachadh grunn bhliadhnaichean ron sin gus Cultarlann a stèidheachadh agus dachaigh fhreagarrach a lorg.
Tha gu leòr air a bhith a' dol sa Chultarlann sa bhliadhna mu dheireadh le cruinneachaidhean is eile ann gu cunbhalach.
Tha an togalach fhèin air a bhith dùinte anns na seachdainean mu dheireadh ge-tà, le feum air obair-càraidh.
"Tha iad ag obair air a' mhullach, a' toirt sgleatan dheth is a' cur insulation ann," thuirt Susanne NicDhòmhnaill bhon Chultarlann.
"Tha iad a' cur uinneagan ùra anns an àite suas an staidhre far am bi na clasaichean is na cursaichean gan ruith."
"Tha iad ag obair air an togalach a dhèanamh dìonach bho uisge is gaoth."
Bu chòir gum bi an obair sin air a dèanamh aig deireadh a' Ghiblein is gum bi an Cultarlann fosgailte a-rithist sa Chèitean.
Susanne NicDhòmhnaill a' bruidhinn ri Màiri Riddoch
Chan eil sin ri ràdh gu bheil cùisean air a bhith nan tàmh bho chionn ghoirid le obair a' Chultarlainn air a bhith a' leantainn.
Bidh cruinneachadh eile aca ann an Talla Sràid Choinnich sa bhaile Disathairne seo tighinn eadar 2f is 4f.
Tha Susanne ag ràdh gu bheil coimhearsnachd a' fàs timcheall air a' ghnothach mar-thà.
"''S e an aon rud a bha a dhìth oirnn 's e an t-àite."
"Tha an t-àite a-nise ann is tha e a' còrdadh ri daoine a bhith a' tighinn a-staigh is a bhith a' fàs eòlach air a' chèile.
"Gu h-àraidh daoine òga le Gàidhlig, tha a' choimhearsnachd bheag sin a' fàs eòlach air a' cheile.
"Ann an ùine gu math goirid, is tha e dìreach a' sealltainn gun robh feum is iarrtas ann airson an rud a tha sinn a' dèanamh."
A thuilleadh air seo, tha obair ùr a' dol aig Cultarlann Inbhir Nis is iad a' sireadh neach a bhios ag amas air luchd-turais gu sònraichte.
Thuirt Susanne nach eil àite ann an-dràsta far am faigh luchd-turais blas ceart de chultar na Gàidhlig sa bhaile, is gu bheil Cultarlann airson sealltainn dhaibh gu bheil an cànan is an cultar beò ann an Inbhir Nis.