Dragh mu chosnaidhean an lùib ionad-ghiollachd ùir
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh èisg Mowi a' beachdachadh air factaraidh giollachd èisg ùr a thogail an Caol Àcainn làimh ris an ionad-ghiollachd bìdh-èisg a th' aca ann an sin mar-thà.
Bhiodh sin a' ciallachadh gun deadh timcheall air 150 cosnadh eadar Malaig agus an Gearasdan a chall.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil tòrr chonaltradh ri dhèanamh fhathast, agus roghainnean eile aca seach Caol Àcainn, ach gu bheil iad an dòchas gum bi an t-ionad-giollachd ùr fosgailte an ceann còig bliadhna.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh goireas giollachd aig an ìre as àirde airson dèiligeadh ri àrdachadh mòr a tha iad a' coimhead anns na tha iad ag àrach de bhradan sna bliadhnaichean a tha romhainn.
Ùr-nodha
Tha grunn roghainnean aca, nam measg leudachadh a thoirt air goireasan sa Ghearasdan, an Èirinn no ann an Ros Saoidh, no fiù 's an t-iasg a ghiollachd air soithichean mòra aig muir.
Ach 's e an roghainn as tarraingiche ionad ùr-nodha a thogail an Caol Àcainn.
Bhiodh seo a' ciallachadh gun deadh 120 cosnadh aig ionad-giollachd a' Ghearasdain a chall, a thuilleadh air 26 eile ann am Malaig far a bheil an t-iasg ga chur air tìr agus ga mharbhadh.
Chailleadh Port Mhalaig teachd-a-steach luachmhor cuideachd.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gun tèid cothrom a thoirt do luchd-obrach cosnadh fhaighinn san ionad ùr.