Sàbhalaidhean ùra £14m san amharc aig Comhairle na Gàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Coinnichidh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin gus am buidseat aca aontachadh is sàbhalaidhean ùra £14m is àrdachadh de 7% sa chìs-chomhairle san amharc aca.
Dh'fhàgadh seo gum pàigheadh taigh sa chumantas ann am Bann D air a' Ghàidhealtachd £1,527.09 sa bhliadhna.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum biodh 2% de na thigeadh a-steach tron chìs-chomhairle ga chosg air sgoiltean is air rathaidean a leasachadh.
Tha sin mar phàirt de phlana a dh'aontaich iad roimhe gus maoin £2bn a chruthachadh le fòcas air rathaidean is sgoiltean gu h-àraid.
Chuir ùghdarrasan eile air feadh na dùtcha a' chìs-chomhairle suas mar-thà.
Chuir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid taic ri àrdachadh 9.9% is Comhairle nan Eilean Siar air àrdachadh 7.5% aontachadh.
Ann an Arcaibh chaidh gabhail ri àrdachadh 15% a chur an sàs.
Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Reamonn Bremner, gu bheil iad 'son a' chìs-chomhairle a chumail cho ìosal 's as urrainn dhaibh.
"Chì thu thairis air na bliadhnaichean gu bheil sinn air a cumail ìosal", thuirt e.
"Tha cosgaisean bith-beò air a' Ghàidhealtachd mar as trice nas àirde na ann an sgìrean eile agus tha dleasdanas oirnn cosgaisean a chumail sìos cho math mar as urrainn dhuinn agus ar coimhearsnachdan a dhìon".
Reamonn Bremner a' mìneachadh mar a tha Comhairle na Gàidhealtachd ag amas air cosgaisean còmhdhail-sgoile a lùghdachadh
Ach tha sreath de ghearraidhean air beulaibh chomhairlichean aig a' choinneimh madainn Diardaoin, taobh a-muigh.
Tha sàbhalaidhean ùra luach £14.1m thairis air trì bliadhna, a' ciallachadh sàbhalaidhean £36.7m uile gu lèir thairis air trì bliadhna.
Nam measg, tha àrdachadh 10% ann am faraidhean Aiseag a' Chorrain.
Thuirt am fear-gairm, Bill Lobban, gu bheil an t-ùghdarras ionadail a' gluasad a dh'ionnsaigh a bhith seasmhach is nach biodh feum aca air airgead a thoirt às a' chùl-stòrais aca fo na molaidhean seo.
Tha a' Chomhairle cuideachd ag ràdh gu bheil iad 'son £2m a chosg gus pàigheadh airson barrachd luchd-teagaisg, agus maoin £6m a chruthachadh gus seirbheisean bus a leudachadh.
Dh'innis iad air a' mhìos seo chaidh mar a tha iad 'son na cosgaisean aca fhèin air busaichean sgoile a lùghdachadh agus seirbheisean bus san fharsaingeachd a leasachadh às dèidh dhaibh a' chompanaidh D&E Coaches a cheannach.