Ofgem a' diùltadh càball nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Dhiùlt Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, càball 600MW a cheadachadh airson na h-Eileanan Siar a cheangal ri tìr-mòr.
Tha eòlaichean air a bhith ag ràdh gur e sin am meud chàbaill a tha a dhìth airson leigeil le pròiseactan chumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan a dhol air adhart, agus nach dèanadh an càball 450MW a tha Ofgem a' moladh an gnothach.
Tha Ofgem ag ràdh gur e mar nach dh'fhuair tuath-gaoithe mòr Steòrnabhaigh taic-subsadaidh fo sgeama Contracts for Difference bho Riaghaltas Bhreatainn air a' mhìos a chaidh, as coireach, 's gum biodh cunnart ro mhòr ann do luchd-cleachdaidh nan rachadh an càball nas motha air adhart.
Thuirt Ofgem ge-tà, gun robh iad deònach beachdachadh air molaidhean ùra.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal, thuirt Stiùiriche Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair gur e briseadh dùil a bh' anns a' cho-dhùnadh, ach rud ris an robh iad an dùil leis nach d'fhuaireadh an taic-subsadaidh san t-Sultain fo sgeama Contracts for Difference.
Ach bha Mgr MacÌomhar toilichte gu bheil Ofgem fosgailte do mholaidhean eadar-dhealaichte.
Thuirt e gu bheil a' chomhairle air a bhith a' còmhradh ri SSE agus an dà chuid riaghaltas Holyrood agus Westminster feuch an tèid aca air moladh ùr a chur rompa.
A-rèir Mhgr MhicÌomhair, thuirt SSE gum biodh iadsan deònach pàigheadh airson an diofar eadar cosgaisean airson càball 450MW agus fear 600MW.