Taghadh Phàpa

Cèo geal a' tighinn à Seipeal Sistine ann an 2013
- Air fhoillseachadh
Dhearbh a' Bhatacan gun tòisich an conclave gus Pàpa ùr a thaghadh air an t-7mh den Chèitean.
'S e seumarlan no camerlengo a' Phàpa - an Càirdineal Kevin Farrell - a tha a' cur air dòigh nan gnothaichean a tha a' tighinn às dèidh bàs a' Phàpa.
'S e cuideachd a bhios os cionn a' chruinneachaidh no conclave.

An camerlengo, an Càirdineal Kevin Farrell
Colaiste nan Càirdinealan
Thèid am Pàpa ùr a thaghadh leis na h-oifigich as àirde dhreuchd san Eaglais Chaitligich, Colaiste nan Càirdinealan.
'S e fireannaich a th' annta air fad, air am fastadh leis a' Phàpa, is mar as trice 's e easbaigean a th' annta.
Tha 252 càirdineal ann an-dràsta. Bha bhòt gu bhith aig 135 dhiubh ach tha aonan air tarraing a-mach air adhbharan meadaigeach.
Tha an fheadhainn eile nas sine na 80 bliadhna a dh'aois.
Ged a tha cothrom acasan a dhol an sàs san deasbad mun Phàpa ùr, cha bhi bhòt aca.
'S e Prainnseas a chuir 108 de na càirdinealan a bhios a' bhòtadh ann an dreuchd.
Mar a thèid Pàpa ùr a thaghadh
Gu traidiseanta, bhiodh conclave a' tòiseachadh às dèidh 15-20 là de chaoidh.
Fo riaghailtean a thug am Pàpa Benedict a-steach ann an 2013, tha cead aig na càirdinealan am pròiseas a thòiseachadh nas tràithe na sin ma thogras iad.
Tha an taghadh ga chumail ann an dìomhaireachd anns an t-Seipeal Sistine is na càirdinealan a' fuireach faisg air làimh ann an Casa Santa Marta.
Fhad 's a tha bhòtadh a' dol air adhart, tha na càirdinealan air an gearradh dheth bhon t-saoghal a-muigh is gun chothrom aca air an eadar-lìon no pàipearan naidheachd.
Bidh gach càirdineal a' bhòtadh airson an tagraiche a b' fheàrr leotha gus an tèid Pàpa ùr a thaghadh (nuair a gheibh tagraiche dà thrìan den bhòt).
Tha cead aig càirdinealan bhòtadh dhaibh fhèin ma thogras iad.

Mullach an t-Seipeil Sistine far an tèid similear a stèidheachadh
Bidh aona bhòt ann feasgar air a' chiad là ach faodaidh na càirdinealan bhòtadh ceithir tursan san là às dèidh sin.
Faodaidh a' bhòtadh grunn làithean a thoirt. Anns na linntean a dh'fhalbh, bhiodh e uaireannan a' toirt seachdainean no mìosan is càirdinealan fiù 's air bàsachadh fhad 's a bha e a' dol air adhart.
Nuair a chaidh Prainnseas a thaghadh ann an 2013 mhair an conclave dìreach dà là is còig cuairtean de bhòtadh ann.
Gu dearbh, sa chumantas mhair am pròiseas còig là tron 20mh Linn.
Tha similear ga chur air mullach an t-Seipeil Sistine airson gach conclave.
Thig ceò às gach là is pàipearan-bhòtaidh nan càirdinealan air an losgadh.
Tha ceò dubh a' ciallachadh nach eil aonta ann.
Ma thig ceò geal às an t-similear, tha Pàpa ùr air a thaghadh.
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
Am Pàpa ùr
Às dèidh dha ceò geal nochdadh, bidh am Pàpa ùr mar as trice a' nochdadh air balconaidh os cionn Ceàrnag an Naoimh Peadar taobh a-staigh uair a thìde.
Dearbhaidh an t-àrd-chàirdineal a bha os cionn an taghaidh an naidheachd leis na faclan "Habemus Papam" - "Tha Pàpa againn".
Innsidh e dè an t-ainm a bhios air a' Phàpa.
Ged is e Jorge Mario Bergoglio a bha air Prainnseas, ghabh e an t-ainm eile mar urram air Prainnseas Assisi.
Nuair a chaidh Am Pàpa Prainnseas a thaghadh ann an 2013, b' e a' chiad Phàpa a rugadh taobh a-muigh na Roinn Eòrpa bhon 8mh Linn, agus a' chiad Phàpa riamh à Aimeireaga a Deas.

Am Pàpa Prainnseas a' nochdadh às dèidh an taghaidh ann an 2013
Leis gun do stèidhich Prainnseas e fhèin tòrr chàirdinealan bho thaobh a-muigh na Roinn Eòrpa, tha cuid de dh'eòlaichean a' tomhas nach e Pàpa Eòrpach a bhios ann an turas seo nas motha.
Gu h-eachdraidheil ge-tà, bha na Càirdinealan buailteach Eòrpach a thaghadh.
Chaidh 266 Pàpa a thaghadh gu seo is 217 dhiubh às an Eadailt.
Tha cuid cuideachd den bheachd gun toir na càirdinealan a thagh Prainnseas buaidh mhòr air cò thèid a thaghadh is dè an t-slighe a ghabhas an eaglais.
Tha e nas coltaiche, tha iad ag ràdh, gun leanadh an ath Phàpa air slighe nas libearalaiche.
Ach leis gun robh farsaingeachd anns na càirdinealan a chuir Prainnseas ann an dreuchd, dh'fhaodadh cuideachd gur e tagraiche nas traidiseanta a bhios air a thaghadh.