Na poilis a' dèiligeadh ri teine mar oidhirp air murt

Àite UallaisTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na poilis a' coimhead airson dithis fhireannach a chaidh fhaicinn aig an àm ann an Àite Uallais

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' dèiligeadh ri teine anns a' Ghearasdan a chaidh a thòiseachadh a dh'aona-ghnothaich mar oidhirp air murt.

Chaidh oifigearan a ghairm chun teine aig taigh ann an Àite Uallais anns a' bhaile mu 00:50m Dihaoine.

Bha boireannach agus nighean anns an fhàrdaich, ach cha deach an goirteachadh ann.

Chaidh iarraidh air daoine cuid dhe na taighean faisg air làimh fhàgail air sgàth sàbhailteachd.

Tha na poilis a-nis a' coimhead airson dithis fhireannach a chaidh fhaicinn anns an sgìre aig an àm.

Bha briogais le dà dhath is brèidean dorcha air na glùinean is geansaidh le currac air aon duine aca.

Chunnacas am fear eile na ruith air Àite a' Bhrusaich le seacaid dhorch, briogais-ghoirid agus ceap baseball air.

Thuirt na poilis gun do sheall na daoine a bh' air cùlaibh seo nach robh diù sam bith aca do bheatha a' bhoireannaich agus an nighinn a bh' anns an taigh.

Tha iad ag iarraidh air duine sam bith as urrainn an cuideachadh fios a chur thuca.