Na bràithrean Hearach a chaidh a shabaid ann an Cogadh Vietnam

Dòmhnall Dòmhnallach ann am Vietnam ann an 1968
- Air fhoillseachadh
Tha teaghlaichean thriùir bhràithrean às na Hearadh a chaidh a shabaid ann an cogadh Vietnam air a bhith a' dèanamh luaidh orra, 50 bliadhna bho thàinig an cogadh gu crìch.
B' ann à Geòcrab agus An Tairbeart a bha Niall, Dòmhnall agus Iain Dòmhnallach, a rinn eilthireachd a dh'Astràilia len teaghlach ann an 1961.
Taobh a-staigh nas lugha na deich bliadha, bha Dòmhnall agus Iain ann am Vietnam leis an arm, agus bha Niall an sin le cabhlach Astràilia.
Rinn na bràithrean, a tha uile air bàsachadh san 15 bliadhna mu dheireadh, ceangal a-rithist le eilean an àraich anns na bliadhnaichean mus do chaochail iad.
Bho na bàigh gu uchd a' bhlàir
Aig Blàr Coral-Balmoral ann am Vietnam ann an 1968, chaidh 26 Astràilianach a mharbhadh, agus còrr air 100 a leòn, ann an sabaid a mhair cha mhòr ceithir seachdainean.
Am measg bh' air an leòn, bha Dòmhnall Dòmhnallach, saighdear ann an Rèisimeid Rìoghail Astràilia, a fhuair peilear san abdoman.
Cha robh e air Vietnam a ruighinn ach air a' bhliadhna sin fhèin, is e air a dhol dhan arm a' bhliadhna ron sin aig aois 18.
Thàinig a bhràthair Iain - saighdear ann an rèisimeid eile - a dh'fhaicinn Dhòmhnaill san ospadal.
"Rinn e seo gu cunbhalach agus bha Dòmhnall a' faighneachd dha fhèin carson a bhiodh Iain a' gal gach uair a thàinig e," thuirt Geraldine Schirmer, cèile Dhòmhnaill.
"Bha sin ri linn 's gun robh an luchd-meadaigeach air innse do dh'Iain nach robh iad an dùil gum maireadh Dòmhnall beò."

'S e Dòmhnall an 3mh saighdear bhon toiseach san dealbh seo, a chaidh a thogail le neach-dhealbh an airm aig Blàr Coral-Balmoral tuath air Saigon ann an 1968
Bha bun os cionn na h-eachdraidh air na bràithrean a thoirt chun an t-seòmair-ospadail seo am Vietnam - ach thòisich an sgeulachd aca air taobh eile an t-saoghail.
Bha iad air dithis a-mach à ochdnar chloinne aig Dòmhnall Dòmhnallach, bràthair mo sheanmhar às an Taobh Tuath, agus a bhean Ealasaid, ban-Shasannach.
Choinnich iadsan ann an Lunnainn aig àm an dàrna cogaidh, agus rinn iad dachaigh às dèidh a' chogaidh ann an Geòcrab air taobh sear na Hearadh.
Bha teaghlach de cheathrar aca mar-thà ach rugadh ceathrar eile anns an eilean, Dòmhnall agus Iain nam measg, ann an 1948 agus 1949.

An teaghlach Dòmhnallach, le cuid de luchd-dàimh eile, ann an Geòcrab timcheall air 1950
Mar a tha Flòra, an dàrna nighean a bu shine aca a' cuimhneachadh, b' e beatha thraidiseanta, eileanach a bh' aca.
"Bha bàta-iasgaich aig ar nàbaidhean agus bhiodh sinn a' faighinn èisg bhuapa," thuirt i.
"Bhiodh mo mhàthair ga chur ann am baraill le salann.
"Bha cearcan againn cuideachd agus bhiodh sinn a' buan na mòna.
"Cha robh sinn às aonais càil, agus bha coimhearsnachd làidir timcheall oirnn."

Dachaigh an teaghlaich ann an Geòcrab
Dh'fhàs an teaghlach ro mhòr airson an taighe bhig ann an Geòcrab agus ghluais iad dhan Tairbeart.
Rinn iad dachaigh aig 10 Rathad Scott.
Ach bha dragh air Dòmhnall agus Ealasaid gum feumadh a' chlann an t-eilean fhàgail airson adhartas a dhèanamh.
Chuir iad rompha fàgail mar theaghlach gus am b' urrainn dhaibh uile a bhith còmhla.
Chaidh iad an toiseach a Ghlaschu aig deireadh nan 50an, mus do dh'fhalbh iad mar "Ten Pound Poms" a dh'Astràilia ann an 1961.

Dòmhnall le Niall, 13, Iain, 11, agus Dòmhnall, 12, ann an Glaschu an 1960
B' e seachdnar chloinne a chaidh a dh'Astràilia agus an nighean a bu shine mar-thà air a dhol a dh'Afraga a Deas.
Nochd ùidh ann an Astràilia san teaghlach mhòr às na Hearadh a bha air eilthireachd a dhèanamh.
"Fhuair an teaghlach againn an t-uamhas aire bho na meadhanan," thuirt Flòra.
"Thog iad dealbhan dhuinn nuair a ràinig sinn, agus an uairsin thàinig iad a-rithist airson dealbhan a thogail nuair a bha sinn air taigh fhaighinn faisg air Melbourne."

Dealbh a thog pàipear-naidheachd Astràilianach ann an 1961
Ged a bha na bràithrean bho ghinealach a thàinig as dèidh chogaidhean mòra an 20mh linn, dìreach bliadhna às dèidh dhaibh Astràilia a ruighinn, chaidh an dùthaich an sàs, air taobh nan Stàitean Aonaichte, ann am Vietnam.
Uile gu lèir, bhiodh còrr air 60,000 neach-airm à Astràilia an sàs sa chòmhstrì san deich bliadhna a lean, gus an do tharraing arm na dùthcha a-mach à Vietnam ann an 1972.
Ro dheireadh nan 60an, bha Niall air a dhol dhan chogadh leis a' chabhlach air bòrd an HMAS Anzac, bha Dòmhnall ann le Rèisimeid Rìoghail Astràilia, agus bha Iain na shaighdear sa chogadh leis na Royal Engineers.
"Cha robh fios aca dè a bhiodh romhpa"
Mar a tha Flòra a' cuimhneachadh, 's e adhbhar iomagain mhòr a bh' ann dham pàrantan.
"Bha iadsan air cogadh fhaicinn," thuirt i.
"Bha dragh orra gu sònraichte gum biodh iad ann an dùthaich eile air nach robh iad eòlach.
"Cha robh fios aig mo bhràithrean dè a bha gu bhith romhpa.
"Cha robh fios aca idir, agus chanadh iad fhèin sin às dèidh làimhe."
Dha na bràithrean, 's e a bhith a' faighinn cothrom obrach ann an dùthaich ùr, seach miann sam bith a dhol gu cogadh, a chuir dhan arm iad.
Bha iad fhathast nan saoranaich Bhreatannach aig an àm.
"Ghabh Dòmhnall a-steach dhan arm is e ag iarraidh preantasachd a dhèanamh, mar a bha iad air a bhith a' sanasachd," thuirt Geraldine Schirmer.
"Bha e mì-fhortanach, ge-tà, oir aig an dearbh àm dh'fheumadh an t-arm barrachd shaighdearan-coise.
"Mar sin, chaidh e gu batàillean de shaighdearan-coise agus chaidh a chur gu Vietnam tràth ann an 1968."

Dòmhnall agus saighdear eile san rèisimeid aige a' coimhead air cupan a bh' air a dhìon bho phìos shrapnel anns a' Chèitean 1968
Thurchair gun robh neach-dhealbh an airm stèidhichte le bàtaillean Dhòmhnaill ann an 1968 agus thogar grunn dhealbhan dheth ann am Vietnam.
Chìthear e air patrol le saighdearan eile, 's e a' crùbadh le uidheamachd cladhaidh na làimh, agus e a' cumail cupan a dhìon a bhodhaig bho phìos shrapnel.
Tha dealbh dheth cuideachd air a chleachdadh ann an taisbeanadh aig Carragh-chuimhne Cogaidh Astràilia ann an Canberra, rudeigin nach robh fhios aige mu dheidhinn gus an do thadhail e fhèin agus Geraldine air ann an 2008.
'S e an aon dealbh de shaighdear-coise a th' air a chleachdadh san earrann den charragh-chuimhne mu Vietnam.

Dòmhnall air beulaibh dhealbh dheth fhèin bho 1968 aig Carragh-chuimhne Cogaidh Astràilia ann an Canberra
Thug Dòmhnall dà bhliadhna a' slànachadh bhon pheilear a chaidh ann aig Coral-Balmoral. Thill e dhan arm gu dreuchd mar neach-trèanaidh, mus do dh'fhàg e ann am meadhan nan 70an.
Chaidh e air adhart gu beatha-obrach shoirbheachail ann an gnìomhachas an togail.
Bha nighean aige, Unity, rinn e ceum sna 2000an ann an saic-eòlas agus antrop-eòlas, agus bha e gu mòr an sàs ann am poileataigs ionadail a' Phàrtaidh Làbaraich ann an New South Wales.
Ach dh'fhàg an cogadh làrach air.
Dh'fhuiling e le PTSD agus aig aois 60 thàinig buaidh eile am follais.
"'S e tinneas fala a bh' ann," dh'innis Geraldine dhomh.
"Thòisich e mar thinneas cleiteachd-fhala, a dh'atharraich an ceann ùine.
"Agus dhearbh deuchainnean gun do nochd e mar thoradh air atharrachadh ginteil a thachair às dèidh dha a bhith air a bhreith."
Bha an tinneas air a cheangal ri mar a bha Dòmhnall ann an àrainn an stuth cheimigich Agent Orange ann am Vietnam, a bh' air a chleachdadh eadar 1961-1971 le feachdan nan Stàitean Aonaichte gus lusan a mharbhadh.
Thathas ga cheangal ri na ceudan mhìltean de bhàsan am measg luchd-airm a bha a' sabaid sa chogadh agus saoranaich ann am Vietnam.
13 bliadhna às dèidh dha a thighinn am follais, bhàsaich Dòmhnall mar thoradh air an tinneas aige ann an 2023.

Dòmhnall agus Geraldine ann an 2018
Ann an 1991 ghabh Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte ri Achd an Agent Orange, a thug cothrom do sheann luchd-airm air airgead-dìolaidh airson tinneasan ceangailte ri Agent Orange.
Thug e gu 1994 gus an do ghabh Riaghaltas Astràilia ris gum faodadh ceangal a bhith ann ri cuid de ghalaran airson an t-seann luchd-airm aca fhèin, ged a bha iomairt fhada ann ron sin airson aithneachaidh.
Ach chan eil an taic airson luchd-airm agus na teaghlaichean aca cho farsaing 's a tha e sna Stàitean Aonaichte, agus chan eil e stèidhichte air an aon ro-bheachd gu bheil ceangal eadar an stuth ceimigeach agus cuid de ghalaran.
"Chaidh an dòigh dìreach anns an deach dèiligeadh ri cùisean sna Stàitean Aonaichte a dhiùltadh dhuinne ann an Astràilia," thuirt Geraldine.
"Chaidh fianais shaidheansail a dhiùltadh, agus dh'fhàg e seann luchd-airm às aonais urraim."

Dòmhnall aig Teampall an Taoibh Tuath ann an 2010
Sna bliadhnaichean mus do chaochail Dòmhnall, rinn e ceangal a-rithist le eilean àraich.
Thill e airson turas teaghlaich a Phabaigh, an t-eilean far na Hearadh às an tàinig aon taobh de theaghlach athar, ann an 2010.
Bha e iongantach dhuinn uile coinneachadh ri Dòmhnall agus thug e buaidh air gach duine a choinnich ris an là sin.
Thachair m' athair, Iain, ri co-ogha nach robh e air fhaicinn airson 50 bliadhna.
"Choisich mi fhìn is e fhèin suas cnoc às dèidh lunch," thuirt e.
"Bha sinn nar suidhe air a' chnoc a' coimhead nan eilean àlainn timcheall oirnn, Ceileagraidh, Easaigh - Ceapabhal agus An Taobh Tuath, far an robh ar seanair air a bhith a' fuireach.
"Agus bha e soilleir gun tug sin buaidh mhòr air.
"Bhon uairsin, thill e cha mhòr a h-uile bliadhna gu na Hearadh."
Air aon dhe na tursan dhachaigh, thiodhlaig an teaghlach luaithre Iain ri taobh uaigh mo shean-sheanar aig Cladh Sgarasta.
Dh'iarr Dòmhnall gum biodh a luaithre cuideachd ga sgaoileadh sna Hearadh - miann a tha a theaghlach airson a thoirt gu buil.
"Bha a chridhe anns na Hearadh," thuirt Geraldine.
"Sin far an robh na freumhan aige - b' e a dhachaigh a bh' ann."

Dòmhnall ann am Pabaigh