Dealbh-balla ùr a' cuimhneachadh air seann loidhne rèile an Earra-Ghàidheal

Dealbh de thrèana ann am Meadarloch
  • Air fhoillseachadh

Tha dealbh-balla ùr ann an Earra-Ghàidheal a' cuimhneachadh air an t-seann loidhne rèile eadar an t-Òban is Baile a' Chaolais.

Bidh 60 bliadhna ann an ath-bhliadhna bho dhùin an loidhne.

Dealbh de thrèana ann am Meadarloch

San là a th' ann tha an t-seann loidhne ga cur gu feum mar shlighe rothaireachd.

Le airgead a fhuair iad bho stòras coimhearsnachd sgeama haidro, dh'iarr Comhairle Coimhearsnachd Àird Chatain air an tè-ealain Danielle Morrison, no Dansky mar a tha i a' gabhail oirre fhèin, an dealbh-balla a dhèanamh ann an tunail faisg air Meadarloch.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Seonaidh MacCoinnich ag aithris à Meadarloch

Chosg i air ceithir là air an dealbh-bhalla is an obair a-nise deiseil.

Thathas an dòchas gum bi an dealbh-bhalla a' brosnachadh dhaoine gus an t-slighe a chleachdadh.

Dealbh de thrèana ann am Meadarloch