Chaidh innealan 11,000 bliadhna de dh'aois a lorg san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Fhuair arceòlaichean lorg air innealan cloiche àrsaidh san Eilean Sgitheanach a tha a' dearbhadh gun robh daoine a' fuireach ann cho fada air ais ri 11,500 bliadhna.
'S e fianas a th' ann, tha iad ag ràdh, air an àm as tràithe as aithne dhaibh gu ruige seo gun robh mac an duine a' tighinn beò an Alba.
Tha dùil gur ann bhon linn Late Upper Palaeolithic (LUP) a tha na h-innealan a chaidh a thoirt às an ùir sa Chuidrich a Deas an ceann a tuath an eilein.
Tha na h-eòlaichean ag ràdh gu bheil na fhuaireadh a' ciallachadh gur ann as motha air a' chost an iar seach àite sam bith eile an Alba a tha fianais aca gun robh daoine a' fuireach ann.
'S i Karen Hardy, Ollamh Arceòlas Ro-Eachdraidheil aig Oilthigh Ghlaschu, a bha os cionn sgioba de dh'arceòlaichean agus luchd-saidheins a dh'fhoillsich an rannsachadh, taobh a-muigh san Iris de Quaternary Science.
Thuirt i: "Tha na chaidh a lorg fìor chudromach agus a' toirt dhuinn sealladh ùr air an àm as tràithe as fiosrach leinn gun robh mac an duine a' tàmh an iar-thuath na h-Alba."

Tha a t-Ollamh Karen Hardy ag ràdh gur e na fhuair iad a' toirt sealladh ùr air na daoine as tràithe as fiosrach leotha a bha a' fuireach an iar-thuath na h-Alba
Tro linn an LUP nuair a thathar den bheachd a chaidh na h-innealan a dhèanamh, bha tòrr de thaobh siar na h-Alba fo dheigh.
Thuirt an t-Oll Hardy gum biodh buidhnean de dhaoine, a bhuineadh as coltaiche don chultar Ahrensburgian de cheann a tuath na Roinn Eòrpa, air tighinn tarsainn na sgìre Doggerland a tha a-nis fon Chuan a Tuath.
"'S e sgeulachd-siubhail air leth an turas a rinn na daoine seo a dh'fhag tìrean ìosal tìr-mòr na Roinn Eòrpa airson a dhol gu tuath gu àite nach b' aithne dhaibh," thuirt i.
"Le bhith, bu dòcha, a' leantainn threudan de bheathaichean, ràinig iad Alba mu dheireadh thall far an robh an àrainneachd ag atharrachadh mar a bha na h-eigh-shruthanan a' leaghadh agus an tìr ag ùrachadh an dèidh a bhith fo chuideam na deighe."
Nuair a ràinig iad an t-Eilean Sgitheanach bhiodh an luchd-tuineachaidh air innealan a dhèanamh leis a' chloich a fhuair iad san àite.
Tha an luchd-saidheans den bheachd gun do dh'fhuirich iad faisg air cladaichean agus aibhnichean agus àitichean far am faighte òcair a bha na stùth air leth prìseil do chultaran àrsaidh.