Cead do chàball nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Chaidh cead a thoirt seachad airson càball dealain ùr a stèidheachadh eadar na h-Eileanan an Iar is tìr-mòr.
Thàinig dearbhadh madainn Diardaoin gum bi càball 1.8GW eadar Àranais is a' Mhanachainn am measg sgeamaichean a tha a' faighinn cead bho Ofgem.
'S iad seo pròiseactan 'son ùrachadh a thoirt air a' Ghriod Nàiseanta is a tha air am meas deatamach airson targaidean a thaobh cumhachd aig muir a ruighinn ann an 2030.
'S e clach-mhìle mhòr a tha seo is iomairt air a bhith a' dol anns na h-Eileanan fad còrr is 20 bliadhna airson a' chàbaill.
As aonais an leasachaidh, cha bhiodh e comasach leasachaidhean mòra a thaobh cumhachd ath-nuadhachail a chur air adhart anns na h-Eileanan an Iar.
Chuir a' chompanaidh SSEN fàilte mhòr air an naidheachd is iad ag ràdh gur e ceum mòr air adhart a th' ann.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, rinn stiùiriche leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair, toileachas mòr.
Calum Iain MacÌomhair a' bruidhinn air naidheachd a' chàbaill.
"Tha mi air mo dhòigh. Tha na bliadhnaichean fada air a dhol seachad an seo fhad 's a bha sinn an dèidh 's a bhith an sàs 'son a' chàbaill seo", thuirt Mgr MacÌomhair.
"Tha briseadh-dùil an dèidh briseadh-dùil an dèidh 's a bhith ann ach bha sinn misneachail is 's e là math a tha seo, là math 'son leasachadh anns na h-Eileanan Siar", thuirt e.
Thuirt Mgr MacÌomhair gu bheil e riaraichte le càball 1.8GW is e ag ràdh gum bi àite ann 'son leasachaidhean aig muir is tìr, cho math ri cothrom 'son phròiseactan coimhearsnachd.
Dh'innis e gu bheil e an dòchas ann gun tig an càball ro 2030 is gun lean còmhraidhean a thaobh sin, is thog e cuideachd air na buannachdan mòra a tha CnES a' sùileachadh.
"Tha cumhachd ath-nuadhachail mu thimcheall air na h-Eileanan a bheir buannachdan eaconomaigeach agus buannachdan coimhearsnachd.
"Bidh tòrr obraichean a' tighinn às is fosglaidh e roinnean ùra dhan eaconomaidh. Tha sinn an dèidh 's a bhith làn den bheachd sin 'son 20 bliadhna.
"Tha cothroman mòra ann agus 's e briseadh-dùil dha-rìribh a bhiodh ann mura biodh an càball air tighinn.
"'S e briseadh-dùil a th' ann gun tug e cho fada ri thighinn ach aig a' cheann-thall, 's e là math a th' ann an-diugh", thuirt e.