Geàrr-chunntas

  1. Tosgaireanair fhoillseachadh aig 14:41 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Katrina is Lisa

    Tha Katrina is Lisa ag ràdh gun deach togail air leithid Niteworks is Kneecap mar thosgairean dhan òigridh is gun robh e cudromach dhaibh tosgairean a bhith aca a tha a' sealltainn nach eil a' Ghàidhlig seann-fhasanta.

  2. Na h-Eileanan an Iarair fhoillseachadh aig 14:37 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Tha iad ag ràdh gun do sheall na freagairtean gun robh faireachdainn agus teachdaireachd làdir anns na h-Eileanan an Iar nach eil taic no goireasan freagarrach ann dhan òigridh airson Gaidhlig a chleachdadh mar chànan sòisealta.

    Bha òigiridh sna h-Eileanan a' faireachdain gu bheil barrachd ga chur air chois do dh'òigiridh air tìr-mòr. Ach bha òigiridh air tìr-mòr a' faireachdainn gu bheil barrachd ga chur air chois anns na h-Eileanan.

  3. Freagairteanair fhoillseachadh aig 14:35 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Suirbhidh

    Fhuair CnaG 1,200 freagairt uile gu lèir.

    Bha 40% den òigridh ag ràdh nach eil iad mothachail air Gàidhlig air na meadhanan sòisealta.

    Bha 77% an sàs ann an cur-seachad air choireigin sa Ghàidhlig taobh a-muigh na sgoile.

    Thuirt 56% gum freagair iad inbhich a bhruidhneas Gàidhlig riutha an dà chuid anns a' Bheurla agus anns a' Ghàidhlig.

    Bha òigiridh anns an rannsachadh ann an iomadh sgìre ag ràdh nach robh càil ga chur air dòigh dhaibh sa Ghàidhlig air taobh muigh na sgoile.

  4. Suirbhidhair fhoillseachadh aig 14:32 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Chuala sinn air Aithris na Maide mun t-suiribhidh a rinn CnaG am measg òigridh.

    Tha Katrina Laurie agus Lisa Reid a-nise a' bruidhinn air toraidhean an rannsachaidh sin.

    Co-labhairt
  5. Càite?air fhoillseachadh aig 14:30 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    "Mura fhaigheadh sinn ach beagan den airgead a tha a dhìth bhon Riaghaltas, càite an cosgadh sinn na goireasan? Feadh Alba? No an taghadh tu àiteachan sònraichte"

    Tha aca ri dreach den Ro-innleachd ùr seo a chur gu Bord na Gaidhlig ro dheireadh a' Mhàirt, agus tha CnaG ag iarraidh beachdan bho dhaoine eadar seo is sin.

  6. Cosgaisair fhoillseachadh aig 14:27 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Dòmhnall MacNèill

    Airson a h-càil a tha seo a chruthachadh, tha e ag ràdh gu bheil buidseat eadar £9m agus £12m a dhìth.

    "Ma tha sinn dha-rìribh ag iarraidh òigiridh a tha fileanta, feumaidh sinn a bhith àrd-amasach."

    Is ged a bhiodh a h-uile sgilinn sin aca, cha ghabhadh seo dèanamh sa bhad, dh'aidich e.

  7. "Tha Ionad Òigiridh na h-Alba a dhìth"air fhoillseachadh aig 14:26 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    "Tha e ag radh nach eil an t-àite as còir ga thoirt do dh'oifigearan leasachaidh sa choimhearsnachd. Tha tòrr a bharrachd dhiubh a dhìth, thuirt e.

    "Dh' fheumadh sinn 1.5 oifigear leasachaidh mu choinneamh gach sgoil Ghàidhlig. Tha 93 sgoiltean ann, 's mar sin dh' fheumadh iad 140 oifigear leasachaidh.

    "Tha Ionad Òigiridh na h-Alba a dhìth".

    Air ais gu fios ùr
  8. Sgapteair fhoillseachadh aig 14:23 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Tha Dòmhnall MacNeill ag ràdh gu bheil daoine òga le Gàidhlig sgapte ann an diofar choimhearsnachdan feadh Alba - coimhearsnachdan a tha fada bho chèile eadar deas is tuath, an iar 's an ear.

  9. Campaichean òigridhair fhoillseachadh aig 14:20 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Dòmhnall MacNèill

    Thuirt e gu bheil Comunn na Gàidhlig a' cumail champaichean òigiridh ach nach urrainn dhaibh a dhèanamh ach 'son 90 duine òga sa bhliadhna.

    Anns a' Bhreatainn Bhig, thuirt e, tha iad a' gabhail 800 òganach sa bhliadhna.

  10. Rabhadh às a' Bhreatainn Bhigair fhoillseachadh aig 14:18 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Tha Mgr MacNeill a' bruidhinn air iomagain sa Bhreatainn Bhig gu bheil iad ann an staing le mar a tha Frangais agus Beurla a' taomadh a-steach air a' chloinn aca, ged a tha iad a' bruidhinn Breatanais riutha aig an taigh agus a' faighinn foghlam sa chànan.

    "Bha iad a' bruidhinn an sin air "sense of panic" a thaobh dè ghabhas deanamh airson Breatanais a bhrosnachadh mar chànan fileanta aig an òigiridh".

    Tha Mgr MacNeill a' toirt eisimpleirean dhòighean air a bheil iad a' cur barrachd bhuidhnean òigiridh is thachartasan òigiridh an sàs an sin airson dèiligeadh leis an t-suidheachadh anns na sgìrean aca-san.

    Bhruidhinn e cuideachd air ionadan còmhnaidh airson cur-seachadan a th' aca anns a' Chuimrigh le goireasan sgoinneil airson òigridh a thoirt còmhla tro mheadhan na Cuimris.

  11. "Dè rinn sinn chun seo"air fhoillseachadh aig 14:12 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    CnaG

    "Tha sinn air dà bhuidhean-stiùiridh a stèidheachadh, agus tha sinn air bruidhinn ri daoine a tha an sàs anns na h-aon dùbhlain ann an cànanan eile.

    "Ach feumaidh sinn a bhith faiceallach mus tog sinn modailean à dùthchannan eile nach bi freagarrach dhuinne. Ach tha e feumail a bhith a' bruidhinn riutha."

  12. "Tha taobh eile a' mhodail a dhìth"air fhoillseachadh aig 14:10 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Dòmhnall MacNèill

    "Chan eil sinn ach air an dàrna leth dhen mhodail a chruthachadh. Tha foghlam foirmeil againn, agus cha bheag an goireas a tha siud. Mura bitheadh e bhiodh cùisean fada nas miosa. Ach tha taobh eile a' mhodail a dhìth, taobh muigh na sgoile dhan òigiridh, airson an cànan a tha iad ag ionnsachadh anns an sgoil a chleachdadh.

    "Bidh an ro-ìnnleachd ag obair le clann eadar 3 agus 25 bliadhna a dh' aois".

  13. Modail eileair fhoillseachadh aig 14:06 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Dòmhnall MacNèill

    "Carson a tha 40 bliadhna de FtMG air a bhitha againn 's na ceistean fileantachd a tha seo ann fhathast? Nach robh còir againn a bhith air coimhead ri Plana B ron seo? Tha feum air modail eile".

    "Chan ann a' càineadh FTMG a tha sinn idir", tha Mgr MacNèill ag ràdh. "Chan ann ag iarraidh barrachd bho na sgoiltean a tha sinn, ach gu bheil barrachd a dhìth taobh a-muigh na sgoile. Bha rudan mar sin a' dol tro na bliadhnaichean, ach tha ceist an robh gu leòr.

    "Chan e ro-ìnnleachd ChnaG a bhios an seo, bidh e air a tharraing bhon òigiridh agus bhon choimhearsnachd".

    Nuair a thug CNAG fianais seachad air Bile nan Cananan Albannach, thuirt iad gur e targaid adhartach a bhiodh ann, a bhith ag amas air 90% de chloinne a' fagail foghlam tro mheadhan na Gaidhlig le fileantachd àbhaisteach aca.

  14. A dh'ionnsaigh Ro-ìnnleachd Nàiseanta Òigiridh Gàidhligair fhoillseachadh aig 14:04 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    "A dh'ionnsaigh Ro-ìnnleachd Nàiseanta Òigiridh Gàidhlig" - tiotal na h-òraid a tha Domhnall MacNeill a-nis a' toirt seachad. Tha e ag ràdh gur e "fileantachd àbhaisteach " a tha dhìth.

    Tha e ag ràdh gu bheil Fileantachd, Misneachd is Miann a' dol còmhla. Chan fhaigh thu daoine fileanta mar a bi misneachd aca sa chànan agus miann aca a bruidhinn. Tha iad dà chànanach, 's chan eil e na iongnadh gum bi iad a' taghadh Beurla a bhruidhinn seach gur ann innte as misneachaile a tha iad.

  15. Òraid Dhòmhnaill MhicNèillair fhoillseachadh aig 13:59 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Tha a' cho-labhairt gus tòiseachadh às ùr le òraid bho Dhòmhnall MacNèill.

    Sin às dèidh do Dhòmhnall MacSuain a ràdh gu bheil e fhèin glè choltach ri Britney Spears. Fàgaidh sinn sin agaibh.

  16. "Tòrr chothroman le Bile nan Cànanan"air fhoillseachadh aig 13:52 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Tha Bìle nan Cànanan Albannach a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta. Bha sinn ag aithris an t-seachdain seo air mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air am bile atharrachadh gus toirt air comhairlean Sgìrean Cànain Sònraichte ainmeachadh far a bheil a' Ghàidhlig aig co-dhiù 20% den t-sluagh.

    A' bruidhinn ann an Steòrnabhagh an-diugh, tha Magaidh Wentworth bho Chomann nam Pàrant ag ràdh gu bheil tòrr chothroman an lùib a' bhile, gu h-àraidh taobh foghlaim.

  17. "Chan eil a h-uile càil a tha siud gu feum sam bith mura h-eil daoine a' bruidhinn na Gàidhlig sa choimhearsnachd"air fhoillseachadh aig 13:44 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Tòisichidh cùisean às ùr a dh'aithghearr is òraid gu bhith aig Dòmhnaill MacNèill.

    San eadar-ama, tha Alasdair MacLeòid dìreach a bhith a' bruidhinn ri Coinneach Mòr.

  18. "Bha mar epiphany agam"air fhoillseachadh aig 13:37 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tanith Rothach

    'S e dealbh eile a fhuair Annabel NicIllinnein is i a' bruidhinn ri daoine òga le Gàidhlig ann an Glaschu.

    Tha Tanith Rothach am measg Ghàidheal òga an sin a tha misneachail mun Ghàidhlig. Ged a chaidh i tro FtMG ann am Port Rìgh bho thùs, 's ann bho chionn ghoirid a thuig i cho cudromach 's a tha an cànan dhi.

    "Bha e mar epiphany agam, gun robh e cho sònraichte 's cho cudromach gun robh Gàidhlig agam," thuirt i ri BBC Naidheachdan.

  19. Siabost: "Glè bheag a tha air fhàgail againn"air fhoillseachadh aig 13:33 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Chualas draghan ùra nas tràithe mu chrìonadh na Gàidhlig an Siabost an Leòdhas.

    Tha Dolaidh Joan NicIlleathain am measg nan daoine as sine sa bhaile far an do chuir i seachad a beatha.

    A' coimhead air ais air na 14 bliadhna bho chaidh rannsachadh Shiaboist a dhèanamh, tha dealbh car dubhach aice:

    "Air an t-sràid-sa, chan eil eil orra ach muinntir Beurla. 'S e glè bheag a th' air fhàgail againn," thuirt i, 's i a' bruidhinn air Gàidheil dhùthchasach na sgìre.

  20. "Buannachd mhòr"air fhoillseachadh aig 13:28 Amser Safonol Greenwich 27 An Gearran

    Dòmhnall Moireasdan
    BBC Naidheachdan

    "Fhad 's a tha daoine a' gabhail lòin an seo, tha iad a' bruidhinn am measg a chèile air cho feumail 's a tha e dhaibh a bhith a' tighinn còmhla mar seo. Tha iomadh bliadhna bho chaidh co-labhairt de a leithid air leasachadh na Gàidhlig a chur air chois, agus tha beachdan làidir ann gu bheil sin air a bhith na uireasbhaidh. Tha daoine a' faicinn buannachd mhòr ann a bhith a' tighinn cruinnn a bhruidhinn mu shuidheachadh a' chànain 's na tha ri dhèanamh.

    "Agus tha am brot 's na ceapairean sònraichte math!"