Doirbhair fhoillseachadh aig 10:01 GMT 27 An Gearran

'S e John Angus MacAoidh a' chiad cheannard a bh' air CnaG nuair a thoisich e ann an 1984.
Mhol e an obair a rinn leithid Fhionnlaigh MhicLeòid nach maireann le Comhairle nan Sgoiltean Àraich mus do thòisich CnaG.
Ach anns an fharsaingeachd, bha cùisean a' coimhead doirbh dhan Ghàidhlig aig àm sin, thuirt e.
Aig an toiseach, bha iad a' cleachdadh foghlam, ealain agus craoladh mar ionnstramaidean a ghabhadh cleachdadh. Thòisich CnaG cuideachd a' dol a-steach dha na coimhearsnachdan 's ag obair am measg òigiridh.