Geàrr-chunntas

  1. Siabost: "Chan eil mi a' faicinn càil dhan sin tachairt a-nise"air fhoillseachadh aig 07:44 Amser Safonol Greenwich

    Ceithir bliadhna deug bhon rannsachadh sin a thog ceistean mòra mu chleachdadh na Gàidhlig ann an Siabost, tha feadhainn san sgìre ag ràdh gu bheil an suidheachadh a-nise nas miosa.

    Dh'fhàs Gillian NicIlleathain suas sa bhaile is fhuair i buannachd à sgeamaichean taice a bh' ann às dèidh rannsachadh 2011. A' bruidhinn ri Ailig John Moireasdan, thuirt i nach eil feadhainn de na prògraman sin a-nise ann.

  2. Sgioba Aithris na Maidne beò à Steòrnabhaghair fhoillseachadh aig 07:38 Amser Safonol Greenwich

    Tha sgioba Aithris na Maidne a' craoladh beò à Taigh-òsta a' Chaladh an Steòrnabhagh, far a bheil co-labhairt mhòr mun Ghàidhlig ga cumail. Tha ceangal gu Aithris na Maidne aig mullach na duilleige.

    Sgioba Aithris na Maidne
    Fo-thiotal an deilbh,

    Sgioba Aithris na Maidne

  3. Barrachd crìonaidh air a' Ghàidhlig sa choimhearsnachd an Siabostair fhoillseachadh aig 07:30 Amser Safonol Greenwich

    Siabost

    Ach air thoiseach air a' cho-labhairt tha rabhadh ann às ùr mu staid na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd.

    Tha BBC Naidheachdan air a bhith a' bruidhinn ri daoine ann an Siabost an Leòdhas, far an do sheall rannsachadh ann an 2011 gun robh a' Ghàidhlig ann an suidheachadh cugallach dha-rìribh.

    Tha daoine ann an Siabost a-nise air dragh a thogail gu bheil cùisean air a dhol air ais bhon uairsin.

    Tuilleadh mun sin ri thighinn.

  4. Sùil air ais agus air adhartair fhoillseachadh aig 07:24 Amser Safonol Greenwich

    CnaG

    'S ann an-uiridh a bha Comunn na Gàidhlig 40 bliadhna a dh'aois is tha co-labhairt an là an-diugh na pàirt mhòr de na bha iad 'son dèanamh gus a' chlach-mhìle sin a chomharrachadh.

    "Tha mar gum biodh dà leth den cho-labhairt seo", dh'innis ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill, do BBC Naidheachdan.

    "Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil e cudromach a bhith a' comharrachadh 40 bliadhna de Chomunn na Gàidhlig agus a bhith a' coimhead air na tha air tachairt anns na bliadhnaichean a tha siud - ach dha-rìribh dha-rìribh a bhith a' coimhead air adhart.

    "Tha CnaG an sàs ann an obair-deasachaidh air ro-innleachd òigridh agus bidh siud fòcas na dàrna pàirt den cho-labhairt".

  5. Madainn mhathair fhoillseachadh aig 07:20 Amser Safonol Greenwich

    Ciamar a ghabhas an òigiridh a bhrosnachadh a bhith a' bruidhinn na Gàidhlig nas cunbhalaiche? 'S e siud a' cheist mhòr aig cridhe co-labhairt ann an Steòrnabhagh an-diugh.

    'S e Comunn na Gàidhlig a tha air a cùlaibh is seo mar phàirt de na chuir iad air dòigh gus 40 bliadhna den bhuidhinn a chomharrachadh.

    Tòisichidh a' cho-labhairt fhèin ann an Taigh-òsta a' Chaladh aig 09:30m is bidh sinn ga leantainn tron là le sgioba againn ann an Steòrnabhagh.

    Ron sin ge-tà, bheir sinn thugaibh Aithris na Maidne (ceangal aig mullach na duileige) bho 07:30m le sùil gu mòr air a' cho-labhairt agus suidheachadh na Gàidhlig, is Dòmhnall Moireasdan ag aithris à Taigh-òsta a' Chaladh.

    Fàn còmhla rinn!