Ceist Annaair fhoillseachadh aig 11:11 GMT 27 An Gearran

Tha Dòmhnall Màrtainn ag ràdh gu bheil e follaiseach gu bheil mòran chloinne ris am bruidhinn e an-diugh a' faicinn na Gàidhlig mar rud na sgoile. Agus tha tòrr de na dachaighean anns nach eil Gàidhlig. 'S e trioblaid mhòr a tha sin, thuirt e, agus chan eil freagaurt aige-san ciamar a ghabhas leasachadh.
Tha Dòmhnall MacNèill ag aontachadh leis a sin. Tha e ag ràdh nach eil am freagairt aige-san a bharrachd. Ach tha e follaiseach a-nise gun deach a' chiad phàirt dhen obair a dhèanamh - sin foghlam anns an sgoil - ach tha cruaidh-fheum a-nise air an darna pàirt - leasachadh taobh a-muigh sgoile?