Geàrr-chunntas

  1. Air an t-sòfa aig BBC Breakfast?!air fhoillseachadh aig 13:13 GMT 27 An Gearran

    "..ag iarraidh a' Ghàidhlig a chumail a' dol - ach 's e obair chruaidh a th' ann dha-rìribh" - shuidh Jonathan agus Calum Alasdair an t-sòfa againn airson innse dhuinn ciamar a tha iadsan a' faicinn suidheachadh na Gàidhlig.

  2. Tha am biadh air nochdadhair fhoillseachadh aig 13:05 GMT 27 An Gearran

    Àm cudromach air fàire aig a' cho-labhairt - ach a bheil a leithid de rud ri ‘diathad an-asgaidh’ idir ann??

    Ceapairean
  3. "Sàr chothrom"air fhoillseachadh aig 12:48 GMT 27 An Gearran

    Tha am fear-naidheachd againn Alasdair MacLeòid air a bhith a' bruidhinn ri feadhainn a tha an làthair aig a' cho-labhairt.

    Tha Catrìona NicIlleMhoire ag ràdh gur e madainn air leth a bh' ann is gu bheil feum air barrachd thachartasan mar seo.

  4. Òigridhair fhoillseachadh aig 12:39 GMT 27 An Gearran

    Chuala sinn bho na sgoilearan seo ann an Àrd-sgoil MhicNeacail a tha làn misneachd mun Ghàidhlig.

  5. Deasbad gu leòr....air fhoillseachadh aig 12:31 GMT 27 An Gearran

    Deasbad
    Deasbad
    Deasbad
    Deasbad
  6. A' togail cloinne le Gàidhligair fhoillseachadh aig 12:24 GMT 27 An Gearran

    Leis na buidhnean beaga aig a' cho-labhairt an-dràsta a' deasbad chùisean, tha cothrom againn cluinntinn bho Kayanna mu na dùbhlain a tha ro phàrantan nuair iad a' togail an cuid chloinne le Gàidhlig ann an dachaigh dà-chananach.

  7. Deasbadair fhoillseachadh aig 12:19 GMT 27 An Gearran

    Tha a' cho-labhairt a-nis air briseadh na bhuidhnean beaga a thogail mholaidhean bho na tha an làthair. Tha oifigear bho ChnaG an lùib gach buidheann. Cha chluinn sinn na tha a' dol anns na buidhnean, agus cha bhi fiosrachadh sam bith ann air sin an-diugh.

    Thèid na molaidhean 's na beachdan aca a chur air ais gu stiùirichean ChnaG.

    Às dèidh seo bidh lòn ann is an uairsin tha dùil ri òraid bho Dhòmhnall MacNeill.

    Bidh e a' bruidhinn air suiribhidh a rinn iad am measg òigridh agus a' bruidhinn air gu bheil structur ùr a dhìth airson leasachadh òigridh.

  8. Goiridair fhoillseachadh aig 12:15 GMT 27 An Gearran

    Dòmhnall Moireasdan
    BBC Naidheachdan

    "Cha robh mòran aig an Leas-Phrìomh Mhinistear ri ràdh. Thug i seachad òraid gu math goirid a' cur co-là bhreith sona air CnaG airson nan dà fhichead bliadhna. Ach cha do ghabh i an cothom càil susbainteach a ràdh. 'S e gun robh i an dòchas gun dèanadh Bile nan Cànanan Albannach feum cho faisg 's a chaidh i air dad a ràdh mu phoileasaidh no mu dheasbad na Gàidhlig"

  9. Moladhair fhoillseachadh aig 12:10 GMT 27 An Gearran

    Ceit Fhoirbeis: "Tha an dòigh sa bheil a' Ghàidhlig ga cleachdadh ann am beatha làitheil dhaoine an rud a tha daonnan ag atharrachadh".

    Rinn i moladh air an obair a tha CnaG air a dhèanamh tro na bliadhnaichean, agus anns na bliadhnaichean mu dheireadh an seo am measg òigiridh.

    "Tro Bhile nan Cànanan, le na Sgìrean Sonraichte Cànain, tha sinn airsin cothrom a thoirt do choimhearsnachdan".

    Tha i ag ràdh gum bi CnaG gu mòr an sàs san deasbad a bhios ann.

  10. Òraidair fhoillseachadh aig 12:09 GMT 27 An Gearran

    Ceit Fhoirbeis

    Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear a' bruidhinn a-nise tro cheangal bhideo.

  11. Trusadhair fhoillseachadh aig 12:07 GMT 27 An Gearran

    Tha an cathraiche Dòmhnall MacSuain a' trusadh dhaoine air ais bhon chofaidh airson tòiseachadh às ùr.

    Feumaidh nach eil rannsachadh MhicSuain air tòiseachadh fhathast...

    Tha Dòmhnall eòlach air trusadh is tha na caoraich mall a' tilleadh.

    Seo Ceit Fhoirbeis a' tòiseachadh a-nise.

  12. Gàidheil Òga Ghlaschu: "An àite a bhith a' gearan, tha iad a' dèanamh rudeigin mu dheidhinn"air fhoillseachadh aig 12:01 GMT 27 An Gearran

    Annabel NicIllinnein

    Leis a' cho-labhairt a' coimhead air suidheachadh na Gàidhlig am measg òigridh, tha an tè-naidheachd againn Annabel NicIllinnein air a bhith a' bruidhinn ri Gàidheil òga ann an Glaschu.

    Is mar a tha Annabel ag aithris an seo, fhuair i misneachd gu leòr ann am Baile Mòr nan Gàidheal.

  13. Bun is Bàrrair fhoillseachadh aig 11:57 GMT 27 An Gearran

    Màbu

    Tha sinn fhathast a' feitheamh air òraid Ceit Fhoirbeis an seo ach sa chòmhradh air-loidhne tha an t-Oll Rob Dunbar a' moladh leasanan ionnsachadh bho iomairt ann an Alba Nuadh air a bheil Bun is Bàrr, a tha stèidhichte air ceanglaichean a thogail eadar Gàidheil nas sine is daoine òga.

    Chaidh togail air an dearbh rud ann an leabhar ùr a tha a' coimhead ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba is Alba Nuadh is dè ghabhas ionnsachadh bho na suidheachdaidhean eadar-dhealaichte.

  14. Fiosair fhoillseachadh aig 11:41 GMT 27 An Gearran

    Sin a' chiad phàirt den cho-labhairt seachad ma-thà is cothrom aig daoine an-dràsta cupa a ghabhail.

    Timcheall air 11:50 bidh sinn a' cluinntinn bho Cheit Fhoirbeis.

  15. Dè na dùbhlain as motha?air fhoillseachadh aig 11:37 GMT 27 An Gearran

    CnaG

    John Angus MacAoidh: "Tha diofar dhùbhlan ann - thoir ri chèile na daoine a dh'aithnicheas na dubhlain a th' ann agus dè a ghabhas dèanamh mun deidhinn. Tha e na thrioblaid, agus feumaidh sibh daoine a thoirt còmhla - daoine le aithne is eòlas - airson freagairtean fhaighinn.

    Dòmhnall MacNeill: "’S dòcha gu bheil an t-àm ann barrachd iarraidh bho phàrantan a tha a’ cur an cuid chloinne gu foghlam Gaidhlig agus taic a thoirt dhaibh".

  16. "'S e an rud a chì na big a nì na big”air fhoillseachadh aig 11:33 GMT 27 An Gearran

    Puing a-nise bho Aonghas Gobhaig MacIllinnein: "Mura h-eile pàrantan, seanairean is seanmhairean deònach a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig nam measg fhèin agus ris a’ chloinn, bidh e doirbh a brosnachadh am measg òigridh anns na h-eileanan. “‘S e an rud a chì na big a ni na big.”

  17. Goireasanair fhoillseachadh aig 11:31 GMT 27 An Gearran

    Thuirt Dòmhnall MacNèill gu bheil na h-uimhir ann as urrainn do ChnaG a dhèanamh ann an sgìrean mar Chataibh ach gu bheil e an urra gu ìre mhòir ri goireasan.

    Tha modail aig CnaG le oifigear ag obair le daoine òga ann an sgìre sam bith, tha e ag ràdh, ach tha e a' tighinn air ais gu ionmhas.

    Tha Ailean Caimbeul ag ainmeachadh pròiseact a bh' ann an Cataibh air an robh am Parbh: "Thuirt draibhear bus-sgoile gun robh e air a bhith a' draibheadh bus-sgoile airson 30 bliadhna, agus às dèidh sin gun cuala e Gàidhlig ga bruidhinn le sgoilearan airson a' chiad uair anns an ùine sin

  18. Cataibhair fhoillseachadh aig 11:25 GMT 27 An Gearran

    Marsaili NicLeòid

    Ceist a-nise bho Mharsaili NicLeòid aig Sabhal Mòr Ostaig is i a-mach air ath-bheòthachadh ann an sgìrean mar Chataibh.

    Thòisich iomairt ùr an sin às dèidh do dh'Alasdair MacLeòid aig BBC Naidheachdan aithris a dhèanamh an-uiridh.

    Tha i a' faighneachd ciamar as urrainn do ChnaG a bhith ag obair le buidhnean eile gus a' Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an sgìrean far nach eil i tuilleadh cho làidir.

  19. "Tha e nas fheàrr gradhachadh seach gràineachadh"air fhoillseachadh aig 11:19 GMT 27 An Gearran

    John Angus MacAoidh

    Tha John Angus MacAoidh a' bruidhinn air connspaid is deasbad eadar luchd-leasachaidh Gàidhlig is tha comhairle aige dhaibh: "Tha e nas fheàrr gradhachadh seach gràineachadh."

    Chan eil daoine a' coinneachadh 's a' bruidhinn ri chèile mar a chleachd, thuirt e, agus mura h-eil thu a' coinneachadh ri daoine chan urrainn dhut faighinn air adhart leotha.

  20. Sgaradh?air fhoillseachadh aig 11:14 GMT 27 An Gearran

    Ceist eile air-lodhne bhon Oll Wilson MacLeòid : A bheil sgaradh eadar na buidhnean leasachaidh agus a' choimhearsnachd, mar a bhios daoine a' cur às an leth?

    Thuirt Dòmhnall MacNèill nach eil e ag aithneachadh an t-suidheachaidh sin a thaobh sgaradh leis a' choimhearsnachd.

    "Tha e do-sheachanta gum bi farpais eadar buidhean Gàidhlig a tha a'strì airson airgead", tha Ailean Caimbeul ag ràdh. "Ach tha eadar-dhealachadh eadar a bhith a' farpais agus a bhith a-mach air a chèile."