Oidhirp rèidearan Ratharsair a chomharrachadh
Tha muinnntir Ratharsair a' cruinneachadh airgid airson dà charragh-chuimhne a thogail mar chuimhneachan air rèidearan fearainn.
Bidh 105 bliadhna ann an ath-bhliadhna bho dh'fhàg seachdnar Rònaigh, far cheann a tuath Ratharsair, airson croitean a stèidheachadh dhaibh pèin air fearann ann an ceann a deas an eilein às an deach an sinnsearan fhuadach.
Seo Gilleasbuig MacDhòmhnaill.