Planaichean gan cuir air adhart gus Eaglais Chaluim Chille a leasachadh
Bha Eaglais Naomh Chalum Chille ann am meadhan Ghlaschu uair aithnichte mar eaglais nan Gàidheal.
Ach coltach ri iomadh tè ron a seo, chaidh a-reic le Eaglais na h-Alba ri fear-gnìomhachais a tha a-nis an dòchas "beatha às ùr" a thoirt dhan togalach.
'S e talla airson ceòl tradiseanta a tha san amharc, le dùil gum bi àite aig a' Ghàidhlig mar phàirt de na planaichean.
Le tuilleadh, seo Ailean Peutan.