Camanachd an Everest
Thathar a' smaointinn gur e seo a' chiad turas a chaidh iomain a chluich air Everest agus balach òg air a chaman a thoirt leis air turas suas a' bheinn ainmeil seo.
Bha Fearghas, a tha 12 bliadhna a dh' aois, air turas le a mhàthair gus Everest a shreap agus iad air dùbhlan a chur romhpa fhèin airgead a thogail do charthannas. Bha seo mar chuimhneachan air seann-phàrantan Fhearghais a bha le seargadh-inntinne.
Mar phàirt de thuras, thug Fearghas leasan do dh'fhear dhe na Sherpas fhad 's a bha e ann.