Drochaid-choise Chala Steòrnabhaigh briste 'gu 2025'
Tha Ùghdarras Chala Steòrnabhaigh air leisgeul a thabhainn do luchd-siubhail air a bheil an drochaid-choise briste aig a' chidhe a' toirt buaidh.
Dh'innis iad nach eil dùil aca gum bi fuasgladh maireannach ann chun na h-ath-bhliadhna.
Tha e a' fàgail gum feum luchd-siubhail air chois deic nan carbadan air an Loch Seaforth a chleachadh airson faighinn air agus far an aiseig.
Tha barrachd aig Ruairidh Rothach.