Iar-Apocaileaps nan Sòmbaidhean air luchd-ciùil Gàidhealach a ghlacadh
Tha dithis luchd-ciùil às a' Ghàidhealtachd a' nochdadh san fhilm ùr zombie aig Danny Boyle, 28 Years Later.
Ged nach urrainn do Ruairidh MacIlleathain, a tha aithnichte mar RuMac, is Ruairidh Greumach - a bha bliadhnaichean ann an Niteworks - cus a ràdh mun phàirt den fhilm sa bheil iad, tha dùil gur ann aig pàrtaidh a tha e.