Beachd à Argentina: "'S e fìor iongnadh a bh' ann"

B' e am Pàpa Prainnseas, a chaochail madainn Diluain, a' chiad Phàpa a rugadh taobh a-muigh na Roinn Eòrpa bhon 8mh linn agus a' chiad Phàpa a-riamh à Aimeireaga a Deas.

Rugadh e mar Jorge Mario Bergoglio ann am Buenos Aires ann an Argentina ann an 1936.

Tha Guillermo Santana MacFhionnlaigh ann an Argentina ag ràdh gur e fìor iongnadh a bh' ann dha muinntir na dùthcha cuideigin à Argentina fhaicinn san dreuchd.