Luaidh ga dhèanamh air a' Phàpa Prainnseas

- Air fhoillseachadh
Tha luaidh ga dhèanamh air a' Phàpa Prainnseas, a chaochail Diluain na Càisge aig aois 88.
Dhearbh am Bhatacan gun do chaochail am Pàpa aig 07:35m (àm ionadail) san dachaigh aige Casa Santa Marta anns a' Bhatacan.
Ann am brath thuirt iad gun robh e air a bheatha air fad a thoirt seachad ann an seirbheis an Tighearna agus na h-Eaglaise.
Bha am Pàpa air a bhith san ospadal sa Ghearran is duilgheadas aige anail a tharraing.
Fhuair e leigheas an toiseach 'son a' ghalair-chlèibh mus deach a dhearbhadh gun robh e a' fulang leis a' ghalar sgamhanach san dà sgamhan.
Bha am Bhatacan air innse gun robh am Pàpa ann an cunnart a bharrachd bhon ghalar sgamhanach às dèidh dha fulang le pliùras na dhuine òg nuair a chaidh pàirt de sgamhan a thoirt às.
"Tha sinn fo bhròn" - beachd Mhgr Earraig a tha na shagart ann an Eilean Bhòid
Cha robh e comasach dha a bhith os cionn ùrnaighean gu poblach ann an Ceàrnag an Naoimh Peadar airson grunn sheachdainean ach rinn e adhartas is fhuair e a-mach às an ospadal air an 23mh den Mhàrt.
Bha e air nochdadh air beulaibh nam mìltean ann an Ceàrnag an Naoimh Peadar Didòmhnaich gus Càisg Shona a ghuidhe dha na bha an làthair.
Chaidh am Pàpa Prainnseas a thaghadh air an 13mh den Mhàrt 2013 aig aois 76 is e a' dol an àite a' Phàip Benedict, a bha air a dhreuchd a leigeil seachad.
Rugadh am Pàpa Prainnseas mar Jorge Mario Bergoglio ann am Buenos Aires ann an Argentina ann an 1936.
Bha a phàrantan às an Eadailt bho thùs ach bha iad air teicheadh às an dùthaich ann an linn nam faisisteach.
B 'e Prainnseas a' chiad Phàpa a-riamh bho Òrdugh nan Ìosaid, agus a' chiad Phàpa a rugadh taobh a-muigh na Roinn Eòrpa bhon 8mh linn.

Am Pàpa ann an Ceàrnag an Naoimh Peadar Didòmhnaich na Càisge.
Na òraid mu dheireadh Didòmhnaich na Càisge, thog am Pàpa air sìth agus "urram do bheachdan dhaoine eile".
Le neach-taice a' bruidhinn às a leth, chuimhnich e air muinntir Ghàsa is e ag ràdh gu bheil an cogadh an sin ag adhbharachadh "bàs agus sgrios" agus a' cruthachadh "suidheachadh uabhasach" do mhuinntir an àite.
Dh'iarr e gum biodh fois-fhòirneirt ann, gun rachadh daoine a tha am bruid a shaoradh, is gum biodh cobhair ann dhan fheadhainn a tha a' fulang.
Dh'iarr am Pàpa cuideachd air gach buidheann sa chogadh san Ùcrain "a dhol an sàs ann an oidhirpean gus sìth a tha cothromach agus maireanneach a lorg".

Tha ceannardan eadar-nàiseanta air a bhith a' dèanamh luaidh air a' Phàpa bho thàinig naidheachd a' bhàis madainn Diluain.
Thuirt Ceann-suidhe na Frainge Emmanuel Macron gur e "duine iriseal a bha ann a bha air taobh nan daoine as so-leònta".
Thuirt Prìomhaire na h-Eadailt Giorgia Meloni gun robh Prainnseas air iarraidh air an t-saoghal "slighe eile a ghabhail, slighe nach eil a' sgrios ach a tha a' slànachadh is a' dìon".
"Cha tèid an stiùireadh is dìleab aige a chall," thuirt i.
Beachd à Guillermo Santana MacFhionnlaigh ann an Argentina
Choinnich Leas Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte JD Vance ris a' Phàpa air an deireadh-sheachdain is e air thuras san Ròimhe.
Thuirt Mgr Vance gu bheil "mo chridhe leis na milleanan mòra air feadh an t-saoghail aig an robh gràdh airson a' Phàpa".
Thuirt Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte Sir Keir Starmer "gun do sheall am Pàpa ceannas air leth làidir tro àm dùbhlannach dhan t-saoghal ach le irisleachd.
"'S e Pàpa a bh' ann do dhaoine bochda, do dhaoine a bha a' fulang agus a bha air dearmad", thuirt Sir Keir.

Thàinig brath cuideachd bhon Rìgh Teàrlach, a choinnich ris a' Phàpa nas tràithe air a' mhìos.
Thuirt an Rìgh gur e naidheachd fìor dhuilich a tha seo, ach gun robh e na cofhurtachd dha fhèin is a' Bhanrigh gun robh e comasach dhan Phàpa teachdaireachd Càisge a thoirt seachad.
"Bidh cuimne againn air a' cho-fhaireachdain a sheall e, mar a dh'obraich e 'son aonachd na h-Eaglaise, is 'son mar a dh'obraich e gun sguir do chreidmhich agus do dhaoine a tha a' cuideachadh cuid eile."
Tha Ceann-suidhe a' Choimisean Eòrpaich Ursula von der Leyen ag ràdh gun tug am Pàpa "buaidh air na milleanan, fada seachad air an Eaglais Chaitligich, leis an irisleachd aige agus an gràdh a bh' aige do dhaoine a bha a' fulang".
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba John Swinney gur e "guth 'son sìthe, tuigse agus rèiteachaidh" a bh' ann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 uairean
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 uairean
- Air fhoillseachadh13 Am Màrt 2023
- Air fhoillseachadh12 An Gearran 2013