Taic a bharrachd ga sireadh aig Mòd Loch Abair

Tha Comataidh Ionadail Mòd Loch Abair a' sireadh stiùbhardan airson an cuideachadh seachdain a' Mhòid.

Tha dùil gun tadhail suas ri 10,000 air Loch Abar an ath-mhìos eadar farpaisich, luchd-ciùil agus feadhainn a bhios a' frithealadh a' Mhòid.

Tha tè-ghairm na comataidh ionadail, Carolyn Groat, ag ràdh gun cuireadh iad fàilte air barrachd cuideachaidh.