Stiùbhardan gan lorg do Mhòd Loch Abair

- Air fhoillseachadh
Tha Comataidh Ionadail Mòd Loch Abair a' sireadh stiùbhardan airson an cuideachadh seachdain a' Mhòid.
Thèid coinneamh a chumail sa Ghearasdan feasgar Dihaoine airson fiosrachadh a thoirt seachad mu na tha na lùib agus airson cothrom a thoirt do dhaoine an ainmean a chur air adhart ma tha ùidh aca.
Bidh am Mòd a' dol eadar 10-18mh den Dàmhair.
Tha dùil gun tadhail suas ri 10,000 air an sgìre eadar farpaisich, luchd-ciùil agus feadhainn a bhios a' frithealadh a' Mhòid.

Tha Tè-ghairm Comataidh Ionadail Mòd Loch Abair, Carolyn Groat, ag ràdh gu bheil buannachdan an lùib a bhith nad stiùbhard
Thuirt tè-ghairm na comataidh ionadail, Carolyn Groat: "Tha sinn air a' choinneamh a chur air dòigh air sgàth 's gu bheil sinn airson 's gum bi daoine a' tighinn thugainn agus a bhith deònach taic a thoirt dhuinn seachdain a' Mhòid.
"'S e cothrom a th' ann caraidean ùra a dhèanamh, ceòl a chluinntinn agus dìreach a bhith mu chuairt tron t-seachdain gu lèir - a bhith a' gabhail pàirt ann an diofar dhòighean."
Tha stiùireadh a thoirt do dhaoine agus a bhith a' reic thiceadan am measg nan nithean a bhios stiùbhardan a' dèanamh.
Chan fheum Gàidhlig a bhith aca.
Bidh a' choinneamh anns a' Ghearasdan do dhaoine aig a bheil ùidh a dhol nan stiùbhardan ann an Studio 1 ann an Ionad Nibheis aig 7f Dihaoine an 19mh dhen t-Sultain.