Guganan gan reic an Nis

- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Nis air a bhith a' ceannach ghuganan às dèidh dhan t-sealg a bhith ann 'son a' chiad turas bho 2021.
Bhathar gan reic 'son £35 aig Port Nis madainn Disathairne.
Thàinig dearbhadh san Iuchar gun robh NàdarAlba air cead a thoirt do sgioba à Nis a dhol a Shùlaisgeir.
Na chois bha cead suas ri 500 eun a mharbhadh, seach 2,000 mar a bh' ann ann am bliadhnaichean eile.
Cha deach na Nisich a Shùlaisgeir ann an 2020 air sgàth Chovid 19 - a' chiad turas bho dheireadh an Dàrna Cogaidh nach robh sealg ann.
Ged a thill iad ann an 2021, dh'fhàg flù nan eun nach deach an sgioba ann a-rithist gu am-bliadhna.
Nuair a chaidh an cead a thoirt seachad, thuirt NàdarAlba gu bheil "an cead ùr seo airson 2025 a' cur dìon air àireamh nan eun agus a' leigeil leotha tilleadh gu ìrean àbhàisteach às dèidh flù nan eun buaidh a thoirt orra."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar
- Air fhoillseachadh12 An t-Iuchar 2023
- Air fhoillseachadh4 An t-Iuchar 2022
- Air fhoillseachadh21 An t-Sultain 2022