Dàil air plana 'son cìs air luchd-turais nan Eilean Siar

Tha a' bhuidheann Turasachd Innse Gall den bheachd gu bheil Comhairle nan Eilean Siar ceart dàil a chur air plana gus cìs a chur air luchd-turais.

Bha comhairlichean air bhòtadh an t-seachdain seo gus measadh a dhèanamh air an t-seòrsa buaidh a bhios aice air ùghdarrasan ionadail eile mus dèan iad co-dhùnadh mun sgìre aca fhèin.

Seo Ailig John Moireasdan