Òrain Shlèite air an seinn às ùr

Tha còisir ùr òigridh à Bun-sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach air an dòigh glan às deidh dhaibh soirbheachadh anns an dà cho-fharpais a bh' aca aig Mòd Ionadail Loch Aillse a chaidh a chumail an t-seachdain sa chaidh.

Chan e an soirbheachas a sin a-mhàin a tha iad a' comharrachadh ge-tà, ach cuideachd gu bheil iad air nàdar de ath-bheòthachadh a thoirt air òrain ionadail às an sgìre fhèin a chaidh a sgrìobhadh o chionn 200 bliadhna.