Naidheachdan 11:00m
Gàsa
Thòisich an ionnsaigh a tha Israel air a bhith a' maoidheadh bho chionn fhada air an talamh ann am Baile Ghàsa. Tha luchd-naidheachd Pailistinianach ag ràdh gu bheil ionnsaigh mhòr leantainneach air a bhith ann bhon adhar agus le gunnaichean mòra agus tancaichean air an talamh. Thuirt arm Israel gu bheil na saighdearan aca a' sìor ghluasad nas fhaisge air meadhan a' bhaile. Thòisich an iomairt ùr beagan uairean de thìde an dèidh do Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Marco Rubio, coinneachadh ri Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, ann an Ierusalem.
Sgrios-cinnidh
Thàinig rannsachadh a rinn na Dùthchannan Aonaichte dhan cho-dhùnadh gun do rinn Israel sgrios-cinnidh air Pailistinianiach ann an Gàsa. Thuirt an Coimisean Rannsachaidh Neo-eisimeileach gun do rinn Israel ceithir de na còig gnìomhan a tha iad a' meas mar sgrios-cinnidh. Thuirt Israel nach eil iad a' gabhail idir ris an aithisg is gu bheil i stèidhichte air breugan Hamas.
Dachaighean eadar-amail
Ràinig an àireamh dhachannan eadar-amail a tha fo shealbh nan ùghdarrasan ionadail ann an Alba an ìre as motha riamh aig 17,240 sa Mhàrt am-bliadhna. Sin àrdachadh 6%. Tha còrr 's 10,000 duine-cloinne an Alba ann an dachaigh eadar-amail, ged a tha sin beagan nas lugha na bha an-uiridh.
Turas stàite Dhòmhnaill Trump
Tha an t-ullachadh airson dàrna turas stàite Dhòmhnaill Trump dhan Rìoghachd Aonaichte anns na buillean mu dheireadh. Tha an obair thèarainteachd airson dìon a chur air a' Cheann-suidhe air an obair as motha riamh de leithid ann am Breatainn. Tha dùil ris san dùthaich seo a-nochd.
Peinnsean na Stàite
Tha dùil gun èirich peinnsean na stàite còrr 's £500 an ath-bhliadhna gu còrr 's £12,000 sa bhliadhna. Tha sin stèidhichte air na figearan as ùire bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta an-diugh, a sheall gun tàinig àrdachadh 4.7% sa chumantas air tuarastal anns na trì mìosan dhan Iuchar, seach an aon àm an-uiridh. Sin ìre a' formula aig a bheil gealltanas peinnsean an Riaghaltais, an triple lock, stèidhichte.
Bile ùr
Tha bile a' dol gu Pàrlamaid Westminster a bheir air oifigich phoblach an fhìrinn innse aig rannnsachaidhean mu thubaistean mòra. Tha an Riaghaltas an dòchas gun seachain sin an seòrsa cleith fiosrachaidh a bh' ann an dèidh bàs 97 duine aig stèidium ball-coise Hillsborough ann an 1989.