Naidheachdan 11:00m
Cogadh na h-Ucràin
Chaidh co-dhiù 14 duine a mharbhadh - ceathrar chloinne nam measg - ann an sreath de dh'ionnsaighean Ruiseanach air baile Khyiv tron oidhche raoir. Thuirt Ceann-Suidhe na h-Ucràin Volodymyr Zelensky gur e ionnsaigh uabhasach a bh' ann air sìobhaltaich agus gun deach a dhèanamh a dh'aona-ghnothaich gus am marbhadh. Thuirt Comhairle Bhreatainn gun deach milleadh mòr a dhèanamh air an oifis aca-san ann an Kyiv sna h-ionnsaighean, 's gum bi e dùinte a-niste air a shàillibh. Thuirt an Ruis gun tug iad ionnsaigh air targaidean airm.
Luchd-siridh comraich
Tha Cùirt an Ath-Thagraidh a' cluinntinn na h-argamaid an aghaidh co-dhùnadh na seachdain seo chaidh a chuir casg air taigh-òsta ann an Essex bho bhith a' cumail luchd-siridh comraich. Tha a' chompanaidh aig a bheil an taigh-òsta agus Oifis na Dùthcha air ath-thagradh a dhèanamh air co-dhùnadh na h-Àrd-Chùirteach. Thuirt neach-lagha do dh'Oifis na Dùthcha gun do rinn an Àrd-Chùirt mearachd nuair a chuir iad casg air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bho bhith a' dol an sàs sa chùis.
Oighreachd Shlèite
Feumaidh tagraidhean gus Oighreachd Shlèite, Caisteal Armadail agus na gàrraidhean mu thimcheall a cheannach a bhith a-staigh ro 12f an-diugh. Tha Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill a' sireadh £9.5m orra uile. Tha e coltach gun do rinn teaghlach às na Stàitean Aonaichte tagradh gus an caisteal a cheannach agus a ruith mar urras charthannach.
Sgoil Mhuile
Tha dùil ri co-dhùnadh foirmeil bho Chomhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid feuch am bu chòir stad a chur air an obair aig làrach sgoile ùir am Muile agus iad air an toirt gu lagh mu dhèidhinn. Tha oifigearan air stad a chur air obair dealbhachaidh, air a' chùis ghnothachais agus air co-chomhairle cheanna air thoiseach air a' chùis-lagha a tha sin san Dàmhair.
Feumalachdan foghlaim sònraichte
Thàinig àrdachadh mòr air an àireimh de theaghlaichean an Alba a tha a' dèanamh tagraidh gus an cuid phàistean a chur gu sgoiltean sònraiche dhaibhsan air a bheil feumalachdan a bharrachd. Tha tidsearan air rabhadh a thoirt seachad gu bheil cus uallaich orra ann a bhith a' feuchainn ri oideachadh a thoirt do sgoilearan aig a bheil feumalachdan a bharrachd ann an sgoiltean nach eil air an comharrachadh dhaibh. Thuirt Aonadh Lagh an Fhoghlaim gun tàinig àrdachadh air an àireimh thagraidhean bho 130 gu 186 sa dà bhliadhna mu dheireadh.